Feumaidh fear à Ceann Locha dialysis fhaighinn an Glaschu ged a tha aonad sa bhaile

'S e an dòchas aig Pàdraig Paterson agus a bhean Moyra gum faigh e dubhag ùr
- Air fhoillseachadh
Tha aig fear à Ceann Loch Chille Chiarain ri siubhal a Ghlaschu trì tursan san t-seachdain airson leigheas dialysis a dh'aindeoin agus gu bheil aonad dialysis sa bhaile.
Bheir an turas agus an dialysis aig Pàdraig Paterson còrr is 12 uair a thìde.
Thuirt e: "Là gu math fada a tha gad fhàgail claoidhte. Bidh thu a' tighinn a-steach, ag ràdh hi, bye agus a' dol innte."
Chan e a' chiad neach aig an robh turas cho fada airson dialysis. 'S e suidheachadh euslainteach eile bho chionn còrr is 10 bliadhna a bh' air cùl iomairt ionadail seirbheis a stèidheachadh nas fhaisge air an taigh.
Nuair a dh'aontaich NHS na Gàidhealtachd aonad a chur air dòigh dh'iarr iad air a' choimhearsnachd cuibhreann den airgead a bhiodh a dhìth a thogail.
Ged a thog an sluagh £100,000 airson an t-aonad a stèidheachadh an Ceann Locha, tha am bòrd-slàinte a-nis ag ràdh gu bheil e air faileachadh orra luchd-obrach fhastadh.
Dragh mu dialysis an Cinn Tìre
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach 2015
Aonad Dialysis air fosgladh ann an Cinn Tìre
- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2015
Iarrtas airson ionad dialysis an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar 2014
Tha dà bhliadhna on thàinig tinneas nan dubhagan air Pàdraig agus gum b' fheudar dha dialysis fhaighinn san aonad as fhaisge - ann an Ghlaschu 138 mìle air falbh air an rathad.
Tha a bhean Moyra am measg na tha a' dèanamh strì airson agus gum fosgail an t-aonad dialysis an Ceann Loch Chille Chiarain às ùr.
Tha ise na pàirt de Bhuideann Dialysis Dubhaig Chinn Tìre.
"Feumaidh sin luchd-obrach stèidhichte agus tha e coltach gur e dùbhlan mòr a tha sin, feuchainn ri luchd-obrach a thàladh an seo agus an obair a ghabhail os làimh," thuirt i.
Tha an luchd-iomairt ag obair leis an ùghdarras slàinte feuch air grunn roghainnean, nam measg an t-aonad a stèidheachadh san Òban neo an Ceann Loch Gilb, neo a chumail an Ceann Loch Chille Chiarain.
Ann am brath, thuirt Caidreachas Slàinte is Cùraim Shòisealta na sgìre gun tèid "aithisg measaidh nan roghainnean fhoillseachadh a dh'aithghearr".
Thuirt neach-labhairt: "Air sgàth nan dùbhlan gus neach fhastadh an Ceann Loch Chille Chiarain tha sinn cuideachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air modailean luchd-obrach.
"Tha sinn gu cinnteach airson an t-seirbheis ath-thòiseachadh an Ceann Locha."

Thog muinntir a' bhaile £100,000 airson an t-aonad a stèidheachadh an Ceann Locha, ach chan fhaigh an NHS luchd-obrach airson fhosgladh
San eadar-ama, tha Pàdraig an dòchas dubhag ùr fhaighinn, agus e air liosta feitheimh.
"Tha euslainteach dubhaige beò ann a tha freagarrach an-dràsta, ach feumaidh i fhathast a dhol tro na deuchainnean," thuirt Pàdraig.
"'S e sin an dòchas as fheàrr a th' agam faighinn troimhe seo."
Tha Moyra cuideachd deiseal 's deònach dubhag ìobairt airson sin a dhèanamh nas cinntiche.
"Tha mise air liosta feitheimh Sgeama Maidsidh nan Dubhagan, agus ma tha e comasach, dh'fhaodadh gum bi mo dhubhag-sa freagarrach air cuideigin ann am Manchester aig a bheil dònair nach eil gam freagairt-san - ach 's dòcha gum freagair iad air Pàdraig," thuirt Moyra.
"Mar sin bhiomaid a' suapadh dhubhagan."