Naidheachdan 11:00m

Casaidean brathaidh

Tha dùil ri fear den Chabhlach Rìoghail aig Cùirt nam Maighstirean ann an Westminster an-diugh fo chasaid gun robh e ri brathadh. Chaidh Teddy Smith, a tha 24 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim aig a dhachaigh ann am Bedfordshire a' bhòn-dè. Tha e fo chasaid gun do bhrist e Achd na Tèarainteachd.

Andy Burnham

Tha Andy Burnham aig còmhraidhean ri Seansalair Merz na Gearmailt ann am Berlin an-diugh. Tha dùil ri aonta nas dlùithe airson tèarainteachd. Agus tha am Prìomhaire air bruidhinn ron seo air càirdeas nas fhaisge eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach, rud ris an cuireadh a' Ghearmailt taic.

Tuabaist rathaid mharbhtach

Chaill nighean, 9 bhliadhna de dh'aois, a beatha ann an tubaist eadar càr agus pick up air an rathad eadar Druim na Drochaid agus Canaich feasgar an-dè. Bha an nighean ann an càr Volkswagen Polo agus chaidh dithis eile a bha sa chàr sin a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Tha poilis ag iarraidh fianais air na thachair.

Israel

Tha consalachd Bhreatainn air Taobh Sear Ierusalem ga ìsleachadh gu inbhe misein leis nas lugha de luchd-obrach. Bha Israel a' maoigheadh an toglach gu lèir a dhùnadh an dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte smachd-bhannan a chur air bathar Israelach às na tuineachain mhì-laghail air a' Bhruaich an Iar.

Banachdach an flù

Tha dragh ann gum faodadh banachdach phrìobhaiteach airson a' flù a bhith gann an Alba air a' gheamhradh seo. Chaidh dà mhillean dòs a chall an dèidh fàiligeadh aig deuchainn-lann nas tràithe air a' bhliadhna agus bha maill eile ann an dèidh ùrachadh airson trì gnèithean eile den bhìoras. Thuirt an NHS gu bheil gu leòr den bhanachdaich acasan.

Cion-dachaigh

Tha rannsachadh aig Oilthigh Heriot-Watt ag ràdh gum faodadh Riaghaltas na h-Alba an trioblaid as miosa le cion-dachaigh a ghearradh gu faisg air leth an taobh a-staigh dà bhliadhna. Tha an aithisg den bheachd gu bheil mu 1,000 duine a' cadal a-muigh gach oidhche agus còrr ais 19,000 teaghlach ann an dachaigh eadar-amail. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dèilgeadh ris an t-suidheachadh.

Holborn agus St Pancras

Tha bhòtadh an-diugh ann am fo-thaghadh Holborn agus St Pancras. Sin an roinn ann an ceann a tuath Lunnainn a bha aig Sir Keir Starmer mus do dh'fhàg e dreuchd a' Phrìomhaire.

Loganair

Thuirt Cathraiche Comataidh na Còmdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil esan a' toirt misneachd bho choinneimh Comataidh na Còmhdhail aig Holyrood an-dè aig an tuirt an neach-gairm an sin, Wille Rennie, nach eil earsba tuilleadh aig daoine ann an Loganair. Ghabh a' chomataidh fianais bho riochdairean Loganair agus bho riochdairean às na h-Eileanan Siar.