Ceòladairean a' dèanamh air Obar Dheathain 'son Na Trads

- Air fhoillseachadh
Tha oidhche mhòr gu bhith an Obar Dheathain Disathairne agus duaisean Na Trads gu bhith air an toirt seachad.
Tha na duaisean a' toirt cliù is aithne do dhaoine, buidhnean agus àitichean a tha a' cur taic ri ceòl traidiseanta na h-Alba.
Tha mu 100 air na geàrr-liostaichean, taobh a-muigh 'son duaisean am-bliadhna, agus 's iomadh duais a thèid a thoirt seachad.
Nam measg, tha seinneadair Gàidhlig na bliadhna, le Màiri Nic a' Mhaoilein, Màiri Callan, Kim Carnie agus Norrie MacÌomhair, uile air a' gheàrr-lìosta 'son sin.
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail am meag na th' air air a' gheàrr-liosta 'son pròiseact coimhearsnachd na bliadhna agus tha Talla Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach is Taigh-Seinnse a' Phark an Glaschu am measg na th' air a' gheàrr-liosta 'son àite na bliadhna.
"Tha daoine ag obair gu math cruaidh air feadh na dùthcha airson dèanamh cinnteach gu bheil obraichean ann agus gu bheil na h-ealain air an cumail fallain ann an Alba," thuirt Alana NicAonghais bhon bhuidhinn Hands Up For Trad, a bhios a' cur air dòigh nan duaisean.
"'S e deagh rud a tha sin agus 's e deagh rud a th' ann daoine a thoirt còmhla airson na h-oidhche sònraichte a bhios againn am-bliadhna an an Obar Dheathain."
Farsainneachd
Tha e cudromach, tha Alana ag ràdh, gu bheil farsainneachd thraidiseanan ciùil na h-Alba gu lèir air a comharrachadh sna duaisean.
"Tha gnothaichean gu math eadar-dhealaichte a' tachairt anns na h-Eileanan seach mar a tha air Ghàidhealtachd, no shuas an Sealtainn, no aig tuath, no anns na Crìochan no anns na bailtean," thuirt i.
"Agus tha e math an fharsainneachd a tha sin a bhith againn 'son 's gum faic daoine ... gu bheil cuideachd daoine eile anns an aon suidheachadh riutha.
"Tha gnothaichean doirbh aig daoine aig amannan, agus tha maoineachadh agus obair airgid agus feuchainn ri ticeadan a chreic - chan e rud furasta a th' ann, agus tha a h-uile duine a' strì còmhla airson feuchainn ri cumail romhpa anns a' ghnìomhachas a tha seo."
Chan e a-mhàin gu bheil duaisean gan toirt seachad às dèidh don t-sluagh bhòtadh airson cò a b' fheàrr leotha, tha cuid a' faighinn duais cuideachd 'son obair ionmholta a thaobh chultar na h-Alba.
Nam measg sin, tha an t-Oll Boyd Robasdan, a bha roimhe na phrionnsabal aig Sabhal Mòr Ostaig, agus e gu bhith air ainmeachadh ann an Talla Chliù nan duaisean 'son a chuid sheirbheisean don Ghàidhlig.
Bidh a' chuirm ri fhaicinn beò air BBC ALBA bho 9:00f Disathairne is bidh e ri fhaighinn às dèidh làimh air iPlayer a' BhBC.