Chaidh bhana-campachaidh far na lamraige is dhan mhuir an Caol Reithe

Bha am bhana-campachaidh air a dhol far na lamraige ann an Caol Reithe
- Air fhoillseachadh
Chaidh bàta-teasairginn an RNLI sa Chaol a ghairm a-mach an dèidh do bhana-campachaidh a dhol far na lamraige ann an Caol Reithe.
Dh'fhalbh an luchd-teasairginn aig astar aig 11:40m agus ràinig iad taobh a-staigh 10 mionaidean.
Fhuair iad an carbad na laighe air a chliathaich agus rinn iad sgrùdadh feuch an robh duine glacte na bhroinn.
Cha b' fhada gus an d' fhuair iad dearbhadh nach deach an aon neach-siubhail agus na trì coin aige a ghoirteachadh, agus thill iad gu an stèisean aca.

Cha deach an aon neach-siubhail agus na trì coine aige a ghoirteachadh
Thuirt stiùreadair RNLI a' Chaoil, Tormod Fionnlastan: "Fhuair na seirbheisean èiginn grunn aithrisean gun deach bhana-campachaidh a-steach dhan mhuir ann an Caol Reithe, far a bheil sruth air leth làidir.
"Chaidh sinn air bhog cho luath agus a b' urrainn agus nuair a ràinig sinn an làrach bha sinn toilichte fhaichinn nach robh duine glacte am broinn a' charbaid agus gun robh am fireannach agus na trì coin aige sàbhailte air tìr."