Dòchas an Gallaibh le ath-sgrùdadh air seirbheisean màthaireil

Casan bèibidh
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt slàinte ann an Gallaibh air fàilte a chur air ath-sgrùdadh neo-eisimeileach air seirbheisean màthaireil ann an Alba.

Bidh seirbheisean ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach mar phàirt den seo.

Chaidh crathadh a thoirt air seirbheisean màthaireil Ghallaibh ann an 2017 is an t-seirbheis air a cur fo stiùir mhnathan-glùine seach àrd-dhotairean.

Tha Buidheann-Gnìomha Slàinte Ghallaibh air a bhith ag iomairt airson piseach a thoirt air an t-seirbheis fad bhliadhnaichean a-nis.

An-dràsta tha a' mhòr-chuid de bhoireannaich ann an Gallaibh a tha trom a' siubhal còrr is 100 mìle gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis airson leanabh a bhith aca.

Ged a b' fheàrr leis a' bhuidhinn ath-sgrùdadh air seirbheisean anns an sgìre sin a-mhàin, tha iad air fàilte a chur air an naidheachd seo.

Tha iad den bheachd gu bheil e riatanach gum bi aonad màthaireil san sgìre le àrd-dhotair aig an stiùir.

Tha Iain Gregory na iar-chathraiche air Buidheann-Gnìomha Slàinte Ghallaibh.

"Sin a tha sinn air a bhith ag ràdh bhon a' chiad dol a-mach," thuirt e.

"'S ann an 1960, às dèidh tachartasan gu math duilich san sgìre, a fhuair sinn àrd-dhotair an toiseach agus lean sin suas gu 2016."

"Tha sinne a' creidsinn gur e sin an t-slighe air adhart agus tha sinn gu mòr an dòchas gur e sin a mholas an t-ath-sgrùdadh."

Togalach le càraichean agus craobhan air a bheulaibh.Tùs an deilbh, JTHOMAS/GEOGRAPH

Dhearbh Rùnaire a' Chaibineit airson Slàinte agus Cùraim, Angela Constance, gur i an t-Ollamh Cairistiona McCourt a bhios aig stiùir an ath-sgrùdaidh agus thuirt ise gun tòisich e as t-samhradh.

Tha am BPA airson Ghallaibh, Chataibh agus Rois, Daibhidh Green, air ìmpidh a chur air rùnaire a' chaibineit dèanamh cinnteach gun coinnich cathraiche an ath-sgrùdaidh ri Buidheann Gnìomh Slàinte Ghallaibh.