Dh'eug duine an dèidh tuiteam far bàta an Scapa Flow an Arcaibh

Thachair an tubaist ann an Scapa Flow
- Air fhoillseachadh
Tha fireannach, 22, air bàsachadh às dèidh dha tuiteam far bàta ann an Arcaibh.
Tha dùil gun do thuit e far soithich a bha ag obair aig tuathanas-èisg ann an Scapa Flwo feasgar Diaordaoin.
Chaidh bàta-teasairginn an RNLI ann an Stromness a ghairm chun na làraich agus chaidh iad air bòrd an t-soithich airson a thilleadh a chala Stromness.
Bha na seirbheisean èiginn a' feitheamh riutha, agus chaidh a dhearbhadh an uairsin gun robh am fireannach air caochladh.
Thathas a' tuigsinn gum buineadh an duine do dh'Uibhist a Tuath bho thùs.
Thuirt an t-Inspeactair David Hall bho Phoileas Alba: "Tha an sgrùdadh againn a' leantainn agus chan eil càil amharasach mun bhàs."
Tha Roinn Gnìomha na Slàinte agus Sàbhailteachd, HSE, ag ràdh gum bi iad a' co-obrachadh mun chùis le na poilis agus Oifis a' Chrùin.