Maoin do bhuidhnean coimhearsnachd an Earra-Ghàidheal fosgailte

Caisteal Chaol a' Chùirn air Loch Abha le beanntan Ghlinn Urchaidh air a chùlaibhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha cuireadh ga thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid cur airson maoineachaidh à stòras a th' air fosgladh às ùr.

Gheibhear suas ri £1,500 de thaic bho Mhaoin Taic Coimhearsnachd Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha a' mhaoin fosgailte do bhuidhnean neo-phrothaideil a tha a' feuchainn ri diofar a dhèanamh sna coimhearsnachdan aca.

Dh'fhosgail a' mhaoin Diluain, agus bidh e fosgailte chun a' 5mh là den Iuchar.

Faodar cur airson taic fo cheithir earrannan:

  • Coimhearsnachdan nas Cothromaiche - pròiseactan ag amas air dèiligeadh ri bochdainn agus cothroman a leudachadh

  • Coimhearsnachdan Seasmhach - a' neartachadh chomasan ionadail agus a' freagairt air feumalachdan na coimhearsnachd

  • Coimhearsnachdan nas Uaine 's nas Glaine - pròiseactan àrainneachdail agus gnàth-shìde

  • Coimhearsnachdan Cruthachail - a' cleachdadh cruthachaileachd airson taic a chur ri slàinte is sunnd

Bho chaidh a' mhaoin a stèidheachadh tha i air taic a thoirt do chòrr air 850 pròiseact san sgìre.

Faodar cur airson taic air làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid., taobh a-muigh