Na ceudan liotairean de chonnadh air an goid an Inbhir Pheofharain

Cùl oifigear poilis le càr poilis
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na poilis a' sireadh taic a' phobaill gus an fheadhainn a ghoid an connadh a ghlacadh

  • Air fhoillseachadh

Thòisich na poilis sgrùdadh an dèidh mar a dh'fhalbh mèirlich le 300 liotar de dhìosal gheal bho dhà charbad aig làrach togail ann an Inbhir Pheofharain.

Chaidh an connadh a thoirt à dà charbad-togalachd uaireigin eadar 13:00f feasgar Disathairne an 9mh den Chèitean agus 07:30m sa mhadainn Diluain an 11mh den Chèitean aig an làraich ann an sgìre Rathad Blàr na Pàirce den bhaile.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh neo a chunnaic càil amharasach san sgìre mun àm seo fios a chur orra.

Faodaidh sibh fònadh gu Poileas Alba air 101, taobh a-muigh, neo gu Crimestoppers, taobh a-muigh.