'Obair mhòr fhathast' gus dèiligeadh ri teine a' Mhonaidh Ruaidh

Tha còrr air 500 smàladair air a bhith a' dèiligeadh ris an teine
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-smàlaidh fhathast a' dèiligeadh ri teine fiadhaich a tha a-niste air a bhith a' gabhail dusan là anns a' Mhonadh Ruadh.
Chuidich uisge air an deireadh-sheachdain gu mòr gus smachd fhaighinn air an teine, a chaidh a ghairm na Mhòr-thachartas.
Chaidh aig muinntir Drochaid Neithich air tilleadh dhachaigh Disathairne, an dèidh mar a thugadh às an dachannan iad Dihaoine, agus chan eileas a' meas an teine na Mhòr-thachartas tuilleadh.
A dh'aindeoin sin ge-tà, thuirt an luchd-smàlaidh gu bheil obair mhòr ri dhèanamh fhathast mus bi a' chùis seachad.
Rabhadh fuireach air falbh bho theine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar
Muinntir a' Ghlinne Mhòir fhathast a' feitheamh fios mu thilleadh dhachaigh
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
"Feumaidh sinn an teine a chur às an toiseach, 's an uair sin measadh math a dhèanamh air na chaidh a dhèanamh de sgrios, dè a' bhuaidh a thug e air leithid na coille Cailleannaich, dè a' bhuaidh a thugadh air fiadh-bheatha, air gnothachasan 's an leithid," thuirt Grant Moir, bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
"An uair sin feuch am plana ceart a lorg airson cuid dheth a chur ceart.
"Thar ùine, bidh nàdar ga chàradh fhèin, ach bheir e ùine mhòr, agus feumaidh sinn uile coimhead feuch ciamar as urrainn dhuinne sin a chuideachadh thairis air na seachdainnean agus nam mìosan a tha romhainn."

Loisg an teine tro sgrìob mhòr fearainn ann an Coille Obar Neithich, an dèidh dha tòiseachadh ann am Bealach Ruighe a' Bhothain Diciadain an 15mh là den Iuchar.
Tha còrr air 500 smàladair air a bhith ag obair gus smachd fhaighinn air, le uisge ga leagail air an teine bho heileacoptairean.
Chaidh co-dhùnadh nach tèid Geamaichean Gàidhealach Obar Neithich air adhart air an 8mh là den Lùnastal, gun chinnt co-dhiù bi an teine seachad ann an àm.
A' bruidhinn Didòmhnaich an dèidh coinneimh de Chomataidh na Seasmhachd aig Riaghaltas na h-Alba, thuirt am Prìomh Mhinistear Iain Swinney: "Thèid fiosrachadh a chumail ri ministearan mun teine agus bidh goireasan is seirbheisean an làthair gus an tèid a chur às buileach."
Thuirt e cuideachd gu bheil na goireasan a tha a dhìth aig an t-seirbheis smàlaidh.
Thabhainn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd goireasan a bharrachd a chur ann airson an iomairt a chuideachadh nam biodh sin a dhith.