Draghan mu sheirbheisean taice droch-dhìol san dachaigh air Ghàidhealtachd

Boireannach na seasamh aig uinneag agus a cùl ris a' chamaraTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chàin Buidheann-taice nam Ban ann an Inbhir Nis Comhairle na Gàidhealtachd airson seirbheisean taice droch-dhìol san dachaigh a thoirt do bhuidheann aig nach eil "eòlas sam bith".

Thug an t-ùghdarras ionadail an cùmhnant do Bhiùiro Comhairleachaidh a' Phobaill airson Inbhir Nis, Bàideanach agus Srath Spè (CAB), mar phàirt de sheirbheis ùr dhan Ghàidhealtachd air fad.

A-rèir Buidheann-taice nam Ban ann an Inbhir Nis, 's e co-dhùnadh "gu tur neònach agus mì-chùramach" a tha seo ged nach do rinn iad fhèin tagradh airson a' chùmhnaint.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh am pròiseas tairgse "cothromach, fosgailte" agus gun deach na riaghailtean a leantainn mar bu chòir.

Dhiùlt CAB Inbhir Nis beachd a thoirt seachad.

San Dàmhair, thòisich Comhairle na Gàidhealtachd ag ath-sgrùdadh chùmhnantan a bh' aig meuran Bhuidhnean-Taice nam Ban ann an Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, Loch Abar, agus Gallaibh is Cataibh.

Thuirt a' chomhairle gun robh iad airson seirbheisean-taice dhaibhsan a tha a' fulang droch-dhìol san dachaigh a thoirt còmhla fo aona bhratach air feadh na Gàidhealtachd.

Air a' mhìos a chaidh, thuirt oifigich na comhairle gun deach trì dhe na ceithir cùmhnantan a thoirt seachad agus nach robh air fhàgail ach ceann a deas na Gàidhealtachd.

Tha CAB Inbhir Nis, Bhàideanaich agus Strath Spè a-nis air an cùmhnant mu dheireadh fhaighinn agus tha seo a' ciallachadh gu bheil maoineachadh air a ghealltainn dhaibh airson an ath thrì bliadhna.

Bidh a' bhuidheann a' tabhann comhairle, stirùireadh agus fiosrachadh air grunn chuspairean leithid sochairean, in-imrich agus eas-aontaidhean ann an àitichean-obrach.

Ach tha Buidheann-taice nam Ban ann an Inbhir Nis ag ràdh nach eil eòlas sònraichte aca air droch-dhìol san dachaigh agus gun toir seo buaidh air an t-seirbheis a gheibh daoine a tha feumach air taic.

Dithis a' suidhe mu choinneamh a chèile agus greim aca air làmhan a chèile.Tùs an deilbh, Getty Images

A-rèir na buidhne, bha iad a' feuchainn ri maoineachadh fhaighinn fad dà bhliadhna agus thug Comhairle na Gàidhealtachd dreach de chùmhnant dhaibh anns an robh clàsan nach robh soilleir no sàbhailte.

Thuirt iad gun do nochd iad ùidh ann a bhith a' gluasad air adhart leis a' chùmhnant ùr ach nach deach feart a ghabhail dha na molaidhean aca a thaobh atharrachaidhean 's gun deach feadhainn eile a dhiùltadh.

Cho-dhùin bòrd na buidhne gun an ainm a chur ris a' chùmnant an-uiridh ri linn "dìth barganachaidh anns an robh brìgh."

Eas-aonta mu chùmhnant

Thuirt cathraiche na buidhne, Muirne Bhochanan, gun cùm iad orra a' sireadh maoineachaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd chun na Sultaine ach gu bheil iad a' coimhead air roghainnean eile, gun fhios nach fhaigh iad an còrr às dèidh sin.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha làn dhùil aig a' Chomhairle taic a chumail riuthsan a tha a' fulang droch-dhìol san dachaigh.

"Tha maoineachadh ann an-dràsta airson goireasan-comraiche agus leanaidh sin fhad 's a tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh air seirbheisean."

Thuirt iad cuideachd gu bheil an t-ath-sgrùdadh ag amas air piseach a thoirt air seirbheisean agus nach eil targaidean airson airgead a shàbhaladh co-cheangailte ris.