Ceum air adhart do dh'iomairt fearann an Leòdhas a chur fo shealbh poblach

- Air fhoillseachadh
Tha Urras Leasachaidh Ùige ann an Leòdhas am beachd cur gu h-oifigeil airson Oighreachd Ùige is Thamnabhaigh a chur an làmhan na coimhearsnachd.
Tha iad an dùil ùidh a nochdadh san Dàmhair gum biodh iad airson an oighreachd, sa bheil 50,000 acair, a cheannach nan tigeadh i air a' mhargaidh.
Tha Iain Bochanan, ball de bhuidhinn-obrach na h-iomairt coimhearsnachd, a' cumail a-mach gun deach "an talamh a cheannach fo ar casan" nuair a fhuair an t-uachdaran Iain Scarr-Hall sealbh air bho chionn beagan bhliadhnaichean.
Thuirt e gun do dh'fhàg sin cuid san sgìre "troimh-chèile", agus gun do thachair an aon rud nuair a cheannaich am fear-gnothachais Loidse Ùige am-bliadhna.
Thuirt Mgr Bochanan: "Cha robh fhios aig daoine san sgìre càil mu dheidhinn.
"Chan eil sinn a' smaoineachadh san là a th' ann gum bu chòir dhan sin a bhith a' tachairt."
Chaidh beachd iarraidh air Mgr Scarr-Hall, leis a bheil cuideachd treas oighreachd ann an Ùig - Morsgail is na h-Àirde Bige - cho math ri Amhuinnsuidhe sna Hearadh.

Tha Iain Bochanan ag ràdh gu bheil taic làidir aca am measg an t-sluaigh airson an talamh a cheannach
Tha a' bhuidheann-obrach cuideachd a' coimhead ri Oighreachd Mhiabhiag a tha nas lugha a cheannach.
Cumaidh iad coinneamh cho-chomhairleachaidh air an 12na de t-Sultain airson cothrom a thoirt don choimhearsnachd na beachdan aca a chur an cèill.
Feumaidh co-dhiù 10% den luchd-còmhnaidh taic a chur ris an iomairt aca am fearann a cheannach, ach thuirt iad gu bheil iad air "tòrr mòr a bharrachd air an sin fhaighinn".
Thuirt Iain Bochanan: "Tha sinn air còrr air 80 ainm fhaighinn agus cha robh sinn a' feumachdainn ach 30 aig an ìre seo."
Thuirt e gum biodh am foirm tagraidh deiseil airson a dhol a-steach gu Riaghaltas na h-Alba aig toiseach na Dàmhair.
Thuirt Mgr Bochanan: "Ma thig an talamh air a' mhargaidh a-rithist, gum faigh a' choimhearsnachd cothrom a cheannach an toiseach."
Loidse Ùige a-nis an lùib oighreachdan mòra prìobhaideach eileanach
- Air fhoillseachadh1 An Giblean
Iomairt 'son fearann an Ùig a chur fo shealbh phoblach a' gluasad air adhart
- Air fhoillseachadh18 Am Màrt 2025
Ùidh sa choimhearsnachd oighreachd Ùig' is Thamnabhaigh a cheannach
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Tha an t-urras leasachaidh cuideachd a' togail airgid airson seachd aonadan-gnothachais a thogail air talamh a cheannaich iad agus a tha air a chomharrachadh airson leasachaidhean den t-seòrsa seo.
"Tha droch fheum orra anns an sgìre, tha na seann ionadan loma-làn agus tha iad a' feumachdainn tuilleadh agus feadhainn nas motha," thuirt Mgr Bochannan.
Tha an t-Urras Leasachaidh air bruidhinn ris an uachdaran mu na planaichean airson na h-ionadan gnothachais feuch am faigh iad taic le sin, ged a thuirt iad nach d' fhuair iad freagairt cheart fhathast.
Thuirt iad cuideachd gu bheil fios aig an uachdaran gum bi iarrtas a' dol a-steach airson ùidh a chlàradh gu h-oifigeil airson Oighreachd Ùige is Thamnabhaigh a cheannach.