Binn prìosain air fear a dh'èignich dithis bhoireannach an Inbhir Nis

An Àrd-chùirtTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna 's naoi mìosan an dèidh dha dithis bhoireannach èigneachadh agus ionnsaigh fheiseil a thoirt air tè eile ann an Inbhir Nis.

Thug Matthew Blair, 30, grunn ionnsaighean air boireannaich eadar 2022 agus 2024.

Thug e ionnsaigh air a' chiad thè ann an càr aig àm nuair nach robh e comasach dhi aontachadh ri feise.

Mìos an dèidh sin, thug e ionnsaigh air an aon bhoireannach ann an taigh ann an Inbhir Nis agus dh'èignich e i.

Trì mìosan an dèidh sin, thug e ionnsaigh fheiseil air boireannach eile air sràid anns a' bhaile.

Thug e an uairsin ionnsaigh air an treas tè agus dh'eignich e i.

Chaidh Blair a shaoradh air urras le Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis bliadhna ron dà ionnsaigh mu dheireadh.

Chaidh Blair às àicheadh nan casaidean a bha às a leth ach fhuaireadh ciontach e aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann.

Chaidh a chur air clàr nan drabasdairean cuideachd.

Thuirt am britheamh, am Morair Duthie, gum bu chòir sùil a chumail air Blair anns a' choimhearsnachd airson trì bliadhna an dèidh dha a bhith air a shaoradh.

Ma bhriseas e na riaghailtean a bhios mu choinneamh, faodar a chur air ais dhan phrìosan.