Cnap-starra "eitigeil" ro oidhirp obair-ealain a cheannach

Ìomhaigh-bràghad marmoir den uachdaran Ghàidhealach Sir Iain Gòrdan Tùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD
  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt Taigh-Tasgaidh Inbhir Ghòrdain airgead a thogail airson ìomhaigh shnaidhte bhon 18mh Linn a cheannach bho Chomhairle na Gàidhealtachd air buille fhulang.

Tha iad a' feuchainn ri £3.1m a thional airson sealbh fhaighin air ìomhaigh-bràghad marmoir den uachdaran Ghàidhealach Sir Iain Gòrdan a rinn an neach-ealain Frangach Edmé Bouchardon.

Thathar a' tuigsinn gun deach beagan mhìosan a thoirt do Thaigh-tasgaidh Cabhlaich agus Ionad Dualchais Inbhir Ghòrdain a' phrìs a tha luchd-rùpa a' moladh a phàigheadh.

Chaidh urrasairean an taigh-tasgaidh gu Stòras Cuimhneachaidh agus Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta ach chaidh an tagradh aca a dhiùltadh.

Thuirt an luchd-maoineachaidh riutha nach urrainn dhaibh grantaichean a thoirt dhaibh agus "draghan eitigeil" orra mu bhith "a' cleachdadh taic-airgid phoblaich airson nithean ann an cruinneachadh poblach a reic gu coimeirsealta".

Tha an taigh-tasgaidh ag ràdh nach eil an reic coimeirsealta den ìomhaigh-bhràghad "eitigeil" agus chàin iad an co-chomhairleachadh a rinn iad.

"Tha cabhag Comhairle na Gàidhealtachd airgead a dhèanmh à rud a bhuineas do stòras a' mhaith choitchinn air an siostam a bhriseadh gu tur," thuirt neach-labhairt dhan taigh-tasgaidh.

"Tha a' chomhairle air suidheachadh duilich a chruthachadh far a bheil a' choimhearsnachd ga peanasachadh airson pròiseas neo-eitigeil na comhairle fhèin."

Inbhir GhòrdainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taigh-tasgaid airson agus gum fuirich an ìomhaigh-bhràghad ann an Inbhir Ghòrdain

Thuirt an neach-labhairt: "Thathar a' sùileachadh gun tog sin còrr is £3m airson rud a bhuineas dhuinn a cheannach air ais, aig a' cheart àm 's tha casg oirnn bho bhith a' faighinn nan grantaichean a th' ann airson ulaidhean nàiseanta a ghlèidheadh."

Tha na h-urrasairean ag iarraidh air ministearan Albannach a dhol an sàs sa chùis agus tha iad air iomairt air-loidhne a thòiseachadh airson airgead a thogail.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun do lean iad pròiseasan laghail, agus gum biodh airgead sam bith a dhèanadh iad bho bhith a' reic na h-ìomhaigh air a chleachdadh a chùm maith na coimhearsnachd ann an Inbhir Ghòrdain.

Thuirt iad gun do rinn iad co-chomhairleachadh agus gun robh a' mhòr-chuid a thug seachad beachd a' cur taic ris an reic.

Tha a' chomhairle ag ràdh gun do rinn iad tagradh gu siorram airson cead fhaighinn an ìomhaigh shnaidhte a reic.

Cha do chuir duine an aghaidh sin, thuirt iad, agus thug an siorram cead dhan reic.

B' e fear-poileataigs Albannach a bh' ann an Sir Iain Gòrdain Inbhir Ghòrdain, a bha na bhall-pàrlamaid.

Ghabh e thairis bho athair mar BhP airson Crombaigh agus chaidh e na Rùnaire airson Chùisean Albannach dha Frederick, Prionnsa na Cuimrigh, anns na 1740an.

B' e an teaghlach aige a stèidhich baile Inbhir Ghòrdain

Bha Sir Iain na dhuine òg air turas san Roinn Eòrpa nuair a choinnich e ris an neach-ealain chliùteach Edmé Bouchardon san Ròimh ann an 1728 far an deach an ìomhaigh a dhèanamh.

Cheannaich Comhairle Baile Inbhir Ghòrdain an ìomhaigh dheth airson £5 ann an 1930, ach chaidh a chur air falbh agus a stòradh aig raon gnìomhachais agus cha robh càil a dhùil gun robh e cho luachmhor gu bho chionn beagan bhliadhnaichean.