Rinn Loganair prothaid son a' chiad uair bhon phandemic

  • Air fhoillseachadh
Plèana Loganair

Tha Loganair air innse gu bheil iad air prothaid a dhèanamh airson a' chiad uair bho bha am phandemic ann.

Tha a' chompanaidh a tha a' comharrachadh 60 bliadhna, air prothaidean ro chìsean fhoillseachadh 'son na bliadhna gu deireadh a' Mhàirt 2022.

Thuirt iad gun do rinn iad cha mhòr £5m ann am prothaid agus barrachd air £160m ann an teachd a-steach bliadhnail.

Bha Loganair air airgead a chall san dà bhliadhna ron sin ri linn buaidh a' phandemic.

B' iad an treas comapanidh as trainge san Rìoghachd Aonaichte air a' bhliadhna a chaidh leis an t-Samhradh as traige a th' air a bhith aca gu ruige seo.

Tha Stephen agus Peter Bond leis a bheil Loganair an-dràsta 'son a reic an dèidh 25 bliadhna nan luchd-seilbhe.