Alasdair

A' clàradh ann an àiteachan dorcha

6mh Ògmhios 2008, Alasdair

Anns a' bhidio tha Alasdair a' mìneachadh nan trioblaidean a tha dìth solais ag adhbhrachadh ann am filmeadh.

To play this video you require Flash. Find out more about the Adobe Flash player.

Gerald

Nearbhasach

6mh Ògmhios 2008, Gerald

Bha beagan iomagain orm a-rithist sa mhadainn.

Bha tòrr a' dol na mo cheann. Dè mur obraicheadh an sgeulachd mu dheireadh? Dè ma bhios an neach ris a bheil sinn a' bruidhinn tinn? Dè thachras mur a bruidhinn daoine air a' chuspair? Gu h-àraidh leis gur e seo as dòcha an cuspair as connspaidiche a th' againn. 'S ann mun eadar-lìon a tha e agus mar a tha Rìaghaltas Shìona a' cumail smachd air dè a dh'fhaodas an sluagh fhaicinn air-loidhne.

Dè mura bi an café eadar-lìn dha robhas gar toirt a' coimhead math air camara? Bha dùil agam ri garaids theth le dhà no thrì choimpiutairean-glùine agus fear seòlta a' gabhail airgead aig an doras airson an cothrom toradh a' bhuill-coise fhaicinn.

Gerald, o Gerald, iomagain gun adhbhar.

Daoine ann an café eadar-lìn
Daoine ann an cafaidh eadar-lìn

Chaidh sinn gu cafaidh eadar-lìn air leth. Àite far a bheil luchd-cluich gheamaichean ri geamannan dannsa neònach Sìonach. Àite far a bheil clann-nighean agus balaich a' losgadh air ailiens. Àite far a bheil daoine de gach seòrsa a' coimhead prògraman telebhisein air sgrion coimpiutair mòr.

Nas cudromaiche, àite a tha a' coimhead mìorbhaileach air camara.

Tha mi nis làn misneachd airson a-màireach. Uill, nuair a chanas mi "làn"…

Maria

Sgàilean

6 Ògmhios 2008, Maria

Cha robh uisge ann an-diugh ach bha sgàilean aig a h-uile boireannach ann an Chongqing na cois. Bidh iad gan cleachdadh gus a' ghrian (a bha uabhasach teth) a chumail bhon craiceann. Mhothaich mi gu robh feadhainn aca air an lìniceadh le stuth airgid gus a' ghrian a shadail dheth.

Dh' innis Seòras dhomh nach caomh le cuid de bhoireannaich Shìonach a' ghrian a bhith dath an craiceann. Tha craiceann soilleir air fhaicinn mar rud a tha comharrachadh bòidhchead. Chunnaic mi gu bheil tòrr de na bùthan an seo a' reic stuth airson craiceann a dhèanamh nas soilleire. Tha cuid a' dèanamh ceangal eadar craiceann dorch agus luchd-obrach a tha anns an achadh fad an là. Tha e coltach gu bheil a' chlas-mheadhanach airson a bhith air am faicinn mar daoine beairteach nach leig a leas a bhith ag obair a-muigh. As bith dè an t-adhbhar, tha boireannaich Shìonach àlainn agus cha bu chòir uallach sam bith a bhith orra an cuid dreach atharrachadh san dòigh seo.

Boireannaich le sgàilean
Boireannach le sgàilean

Chuir e nam chuimhne gum biodh sinn a' tilleadh dhachaigh ann an dhà no trì laithean agus tha mi a' creidsinn gum bi an sgàilean agam fhìn a' tighinn a-mach – ach chan ann airson mo dhìon bho ghrian na h-Alba!

dàng àn

(g. tasglann)

háng huà

(g. facail feumail)

Sgàilean

Còmhdach dìon an aghaidh uisge no grian.

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.