4mh Giblean 2008, Gerald
Tha mi dìreach air a bhith aig coinneamh planaidh. Bidh coinneamhan planaidh againn aig toiseach gach pròiseict ùir, 's bidh sinn a' toirt cuireadh do mhòran dhaoine, chan ann dìreach dhan sgioba riochdachaidh. Bidh feadhainn ann a tha os cionn an luchd-deasachaidh, feadhainn a tha os cionn luchd nan camara is an sgioba, daoine a tha an urra ri grafaigs, daoine a bheir dhuinn taic teicnigeach agus feadhainn a bhios a' coimhead às dèidh na làraich-lìn.
Bidh sinn nar suidhe timcheall air bòrd ag innse dè tha sinn ag iarraidh a dhèanamh leis a' phròiseict, ciamar a tha sinn airson filmeadh a dhèanamh agus ciamar a tha sinn airson a dheasachadh.
Tha iadsan uile uabhasach eòlach san obair aca agus bidh iad a' toirt dhuinn comhairle air dòighean eadar-dhealaichte air rudan a dhèanamh. Dh'fhaodadh gur e rudan gu math sìmplidh a bhiodh an seo mar dè an seòrsa theipichean agus camarathan a chleachdas sinn. Ach dh'fhaodadh e cuideachd a bhith teicnigeach; a' gabhail a-steach diofar shiostaman agus an dòigh anns am bi sinn a' làimhseachadh nan teipichean is an stuth nuair a thilleas sinn chun BhBC. Mar sin, tha na coinneamhan-sa glè chudromach do gach prògram a tha ga dhèanamh aig BBC Alba.
4mh Giblean 2008, Maria
Tha sinn air a bhith air bhoil an t-seachdain-sa oir cha chuala sinn on treòraiche airson còrr is seachdain agus tha rudan gu math èiginneach ri chur air dòigh, mar cò bhios sinn a' filmeadh, càit am bi sinn a' filmeadh. Feumaidh sinn cuideachd bhìosa fhaighinn agus cead filmeadh ann an Sìona. Co-dhiù, chuir i fios thugainn madainn an-diugh agus thuirt i gun robh i duilich. Tha i air a bhith air falbh a' filmeadh pròiseact eile agus tha i a' dol a dhèanamh nan rudan againne a-nis. Abair faochadh.
'S e pàipear a tha sa bhìosa a tha a' toirt cead filmeadh ann an dùthaich thall thairis. Tha cuid de dhùthchannan gu math cruaidh a thaobh co dha a bheir iad cead agus tha Sìona mar sin. Airson bhìosa fhaighinn, feumaidh sinn tagradh a chur chun na h-Ambasaid ann an Lunnainn. Feumaidh sinn litir a chur thuca ag innse a h-uile càil a tha sinn gu bhith a' dèanamh ann - cò tha sinn a' filmeadh, càit am bi sinn a' filmeadh agus a h-uile rud mar sin. Sin an ìre mhath a h-uile càil a tha sinn ag iarraidh air an treòraiche a chur air dòigh.
Feumaidh sinn cuideachd na deitichean air am bi sinn a' dol ann agus a' fàgail, innse. Tha litir againn cuideachd ri fhaighinn bho chuideigin ann an Sìona a' toirt cuireadh dhuinn agus a tha ag innse cò sinn, agus gu bheil sinn gu bhith a' dèanamh nan rudan a tha sinn ag ràdh. 'S dòcha gur e companaidh no cuideigin a tha sinn gu bhith a' filmeadh a tha sin agus feumar a dhèanamh cho luath 's a ghabhas oir faodaidh e greiseag a thoirt ga dhèanamh.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Tha neach-deasachaidh os cionn sgioba riochdachaidh. 'S ann aca a tha am facal mu dheireadh air dè thèid dhan phrògram.
Dealbhan no sgrìobhadh coimpiutair a tha air an cleachdadh air prògraman telebhisein no air sgrion coimpiutair.
Cuideachadh le teicneòlas bho eòlaichean.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.