Diom leasaichte an sgìr' a' Bhac a' toirt chothroman eacarsaich do gach aois

Chaidh an diom fhosgladh le riochdaire bho NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Tha Cluba Ball-coise agus Cur-seachad a' Bhac air fàilte a chur air leasachaidhean a chaidh a thoirt air diom coimhearsnachd na sgìre.
Chaidh £26,100 a thoirt dhan chluba bho Mhaoin Calpa Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson na goireasan a bh' ann roimhe ùrachadh.
Chaidh an t-airgead a chleachdadh airson goireasan ùra a cheannach an àite feadhainn nach robh freagarrach tuilleadh - a' fàgail gu bheil an uidheamachd san diom a-nis nas sàbhailte agus nas seasmhaiche.
Tha an diom saor a chleachdadh agus fosgailte a latha 's a dh'oidhche, bho Dhiluain gu Disathairne.
Mar phàirt dhen phròiseact, tha an cluba cuideachd air leasachadh a thoirt air tèarainteachd agus air goireasan airson sùil a chumail air mar a tha an uidheamachd ga cleachdadh.

Chaidh an diom ùr, ann an Talla Chuil, fhosgladh gu h-oifigeil le Stiùiriche Ghoireasan Daonna agus Leasachadh Luchd-Obrach NHS nan Eilean Siar, Diane NicDhòmhnaill.
Thuirt i: "Tha sinn toilichte taic-airgid a chur ris an diom, a tha cudromach dhan choimhearsnachd. Tha fhios againn gu bheil mòran bhuannachdan an lùib a bhith ag eacarsaich gu cunbhalach - airson ar slàinte fisigeach agus ar slàinte inntinn.
"Cuidichidh na goireasan seo daoine ann a bhith a' dèanamh an leithid."
Thuirt Cathraiche Cluba Ball-coise agus Cur-seachad a' Bhac, Donnchadh MacGilleEathain, gun dèan an diom ùr diofar mòr sa choimhearsnachd.
"Bheir na goireasan ùra barrachd chothroman do dhaoine de gach aois agus aig a bheil diofar choimeasan - a bhith ag eacarsaich, a' toirt piseach air an cuid slàinte agus gheibh iad na buannachdan a tha a' tighinn an cois eacarsaich cunbhalaich.
"Tha sinn an dòchas gun tèid na goireasan a chleachdadh, an dà chuid le muinntir na sgìre agus le daoine sna coimhearsnachdan mu thimcheall."