"Piseach a dhìth" air earbsachd chonaltraidh sna h-Eileanan Siar

Taighean anns na Hearadh le bàt-iasgaich faisg air a' chladach
  • Air fhoillseachadh

Thuirt BP nan Eilean Siar gum feum piseach tighinn air bun-structar conaltraidh nan eilean an dèidh mar a chaidh daoine anns na Hearadh fhàgail gun sheirbheis fòna no eadar-lìn ri linn Stoirm Boelo.

Tha Torcuil Crichton ag ràdh gu bheil ceist mun phlana cur às den t-seann seirbheis fòna - a tha stèidhichte air uèirean copair 's a ghabhas cleachdadh ged nach biodh dealan ann - ro dheireadh an Fhaoillich an ath-bhliadhna.

Chaidh mòran dhachannan anns na Hearadh fhàgail gun chumhachd fad dà là an dèidh na stoirme, ach bha iad cuideachd gun chomas fios a chur air na seirbheisean èiginneach leis gun robh seirbheis fòna, fòn-làimhe agus eadar-lìn air falbh cuideachd.

Bha e cuideachd a' fàgail nach robh siostaman telecare - siostaman rabhaidh a th' aig seann daoine nan dachannan - ag obrachadh, gam fàgail gun chomas taic fhaighinn nan deadh càil ceàrr.

Torcuil Crichton BP
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Torcuil Crichton BP gum feum companaidhean conaltraidh piseach a thoirt air na seirbheisean aca

Tha aig companaidhean fòna ri bhith a' toirt phacaidsean bataraidh do luchd-cleachdaidh so-leònta a chumas fònaichean a' dol airson mu uair de thìde ma thèid cumhachd an dealain a chall.

Ach thuirt Mgr Crichton gu bheil barrachd na sin a dhìth agus companaidhean fòna "gu sìmplidh gun chomas na seirbheisean aca a chumail a' dol ann an stoirm."

"Nuair a dh'fhalbhas an dealan, tha sin cothromach gu leòr," thuirt e.

"Ach nuair a dh'fhalbhas na fònaichean, an t-eadar-lìon agus na rabhaidhean cùraim do sheann daoine, tha sin gam fàgail-san fo iomagain, ach tha an luchd-cùraim fo iomagain cuideachd, 's gun chomas fios a chur orra gu luath gun a bhith a' dol a-mach iad fhèin anns an stoirm.

"Tha sinn ag iarraidh an ìre sin de thèarainteachd 's de sheasmhachd air ais, 's feumaidh sin tighinn leis na companaidhean fòna a bhith a' toirt piseach air an seirbheisean didseatach gus am bi e aig an aon ìre 's a bha leis na h-uèirichean copair."

Uallach Laghail

Thuirt Ofcom gu bheil uallach laghail air companaidhean conaltraidh dèanamh cinnteach gu bheil na lìonraidhean aca seasmhach, agus far a bheil fianais ann nach eil iad a' coileanadh an dleastanasan gu bheil cumhachd aig Ofcom an cumail cunntachail.

Fo phlanaichean an riaghaltais an-dràsta, feumaidh a h-uile seann cheangal fòna copair (PSTN) a bhith air atharrachadh gu ceangal didseatach ron 31mh là den Fhaoilleach, nuair a thèid an seann shiostam a chur dheth.

Tha an t-atharrachadh gu seirbheis dhidseataich a dhìth, a rèir an riaghaltais, leis gu bheil an seann shiostam a' sìor fhàs nas mì-earbsaiche.

Thuirt iad, ann an sgìrean far nach deach ceanglaichean fibre a chur an sàs, gun tèid siognalan didseatach a chur tro uèirichean copair anns an eadar-ama, an dèidh dhan t-seann siostam PSTN a bhith air a chur dheth.