Cùmhnant 'son obair aig an Rest and Be Thankful

- Air fhoillseachadh
Chaidh cùmhnant luach £5.5m a thoirt seachad airson an ath earrann de dh'obair air rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful.
Tha an t-earrann sin den phrìomh rathad tro Earra-Ghàidheal tric air a bhith fo bhuaidh mhaoimtean-slèibhe sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
'S iad a' chompanaidh Structural Soils a fhuair an cùmhnant gus obair sgrùdaidh a dhèanamh air an t-slighe.
Tòisichidh an obair air an ath-mhìos, nuair a thèid coimhead ri fuasglaidhean san ùine fhada dha na trioblaidean air sgàth mhaoimtean-slèibhe agus tòrr uisge a tha a' fàgail an rathaid dùinte tric is minig.
Tha planaichean cuideachd gan cur an gnìomh gus obair a dhèanamh air an t-seach-shlighe air Seann Rathad an Airm ann an ìochdar Ghlinn Chrò, gus sin a dhìon bho bhuaidh mhaoimtean-slèibhe.