Plana Oifis a' Phuist an Steòrnabhagh a ghluasad dhan Cho-op

- Air fhoillseachadh
Mhol Oifis a' Phuist gun gluais iad meur Steòrnabhaigh aca gu bùth Co-op a' bhaile.
Chaidh ùrachadh a dhèanamh o chionn ghoirid air bùth a' Cho-op, air Rathad MhicAmhlaigh.
Dh'innis Oifis a' Phuist an-uiridh gun robh iad a' cur bhuapa nam meuran mu dheireadh a tha leotha, agus a' gluasad gu modail cheadachais mhargaidheachd (franchise) airson an lìonra aca air fad.
Chaidh meur Steòrnabhaigh, air Sràid Fhrangain, a chur fon t-siostam ùr sin san t-Samhain.
"Cridhe beatha na coimhearsnachd"
Thuirt stiùiriche lìbhrigidh cruth-atharrachadh nan Oifisean puist, Martin Edwards, gun robh bùth a' Cho-op aig "cridhe beatha na coimhearsnachd".
Tha e misneachail, thuirt e, gun toir an gluasad a thathas a' moladh seirbheis san ùine fhada don sgìre.
'S e bùth Steòrnabhaigh an tè as motha a th' aig Buidheann a' Cho-op, 's e a' toirt cosnaidh do 100 duine. Tha e suidhichte nas lugha na mìle air falbh bhon Oifis Puist a th' ann.
Fo na molaidhean, thuirt Oifis a' Phuist gum faighte na h-aon sheirbheisean 's a th' ann an-dràsta, le luchd-obrach trèante agus gun atharrachadh air na h-uairean fosglaidh.
Tha co-chomhairle ga dèanamh air a' mholadh gu ruige an 3mh là den Ògmhios.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An t-Samhain 2024
