Bidh Deasbad nan Sgoiltean 2026 ann a dh'aindeoin ceist mu mhaoineachadh

'S iad an sgioba bho Sgoil an Tairbeirt sna Hearadh a b' fheàrr a rinn argamaid an-uiridh
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Comhairle nan Eilean Siar gum bi Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean a' tachairt am-bliadhna ged a thogadh draghan gum faodadh e a bhith ann an cunnart ri linn dìth airgid.
A rèir aithisg a chunnaic Comataidh an Fhoghlaim san Ògmhios bha "dùbhlain mu choinneimh mhaoineachaidh" a' fàgail gun robh mì-chinnt an gabhadh a chumail.
Ann am brath ùr, thuirt an t-ùghdarras ionadail gun tèid e air adhart agus thug iad taing do luchd-leasachaidh an tuath-ghaoithe Spiorad na Mara a tha a' tilleadh mar phrìomh bhuidheann maoineachaidh airson an treas bliadhna.
Thòisich Deasbad nan Sgoiltean ann an 1999.
Bidh clann bho sgoiltean air feadh na h-Alba a' farpais an aghaidh a chèile is bidh a' chuairt dheireannach ann am Pàrlamaid na h-Alba.
Deasbad nan Sgoiltean ann an cunnart
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
Deasbad 2024 na "adhbhar misneachd"
- Air fhoillseachadh29 An t-Samhain 2024
Tha Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbaid, ag ràdh gu bheil am maoineachadh a fhuair iad "a' fàgail gu bheil sinn comasach tachartas air leth a chur air dòigh do sgoilearan bho air feadh na dùthcha".
Thug i cuideachd taing do na buidhnean maoineachaidh eile.
Tha an deasbad a' toirt cothrom do sgoilearan an dà chuid na sgilean cànain aca a leasachadh, agus cuideachd eòlas ann a bhith a' cur am beachd fhèin an cèill air beulaibh sluaigh.
Bidh 18 sgiobaidhean an sàs sna ciad chuairtean san Lanntair ann an Steòrnabhagh air an 3mh agus an 4mh den t-Samhain.
Bidh na deasbairean a shoirbhicheas a' gabhail pàirt sna cuairtean deireannach a bhios air an cumail ann an Dùn Èideann air an 25mh agus 26mh den t-Samhain.