Dùil gun till seirbheis Aiseag a' Chorrain Dihaoine

- Air fhoillseachadh
Bu chòir seirbheis Aiseag a' Chorrain, a th' air a bhith dheth bhon deireadh-sheachdain, tilleadh Dihaoine, a rèir Chomhairle na Gàidhealtachd.
'S e an t-ùghdarras ionadail a tha a' ruith na seirbheis eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair.
Bha pàirt a dhìth airson trioblaid stiùiridh a chur ceart air an MV Corran.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil sin air an t-slighe agus gum bu chòir gun ruig i agus gun tèid a cur an sàs Dihaoine - rud a thilleadh an soitheach gu làn-sheirbheis.
Bha an t-seirbheis dheth buileach seach gu bheil an dàrna bàta - an soitheach faochaidh am Maid of Glencoul - an dèidh bhith anns an doca is càradh bliadhnail ga dhèanamh oirre.
Thuirt a' Chomhairle gun tèid deuchainnean mara a dhèanamh air a' Mhaid of Glencoul Diciadain seo tighinn agus gum bu chòir dhi tilleadh gu seirbheis Dihaoine an 15mh là den Lùnastal.
Tha astar de 42 mìle air an rathad eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair agus chan eil an t-aiseag a' toirt ach còig mionaidean.
Tha an suidheachadh seo air daoine anns an sgìre fhàgail gu math mì-thoilichte, agus tha a' choimhearsnachd ann an Àird Ghobhair ag ràdh gu bheil iad air bristeadh-dùil eile fhulang.