Naidheachdan 11:00m
Cìs teachd a-steach
Chuir am Prìomhaire, Andy Burnham, astar eadar e fhèin agus beachd ron an seo gum biodh àrdachadh san stairsich aig a bheil cìs teachd a-seach a' tòiseachadh. Tha sin air a bhith stèidhichte bho bhionn còig bliadhna a-niste aig £12,500.
Anas Sarwar
Tha ceannard nan Làbarach an Alba, Anas Sarwar, a' fàgail na dreuchd sin airson àite mar mhinistear ann an riaghaltas Andy Burnham. Tha dùil gum fàg e Holyrood airson àite ann an Taigh nam Morairean.
Ìre na h-atmhorachd
Thuit ìre na h-atmhorachd san Rìoghachd Aonaichte nas motha na bha dùil gu 2.6% san Ògmhios, sìos bho 2.8% sa Chèitean. B' e connadh nas saoire, an dèidh aonta eadar na Stàitean Aonaichte agus Ioran, as motha a thug buaidh air sin.
Cogadh san Ucràin
Thug an Ucràin ionnsaighean às ùr air aonadan a bhuineas dhan bhuidhinn as motha a tha a' reic air-loidhne san Ruis. Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gu bheil a' chompanaidh sin a' cumail stuth airson drònaichean agus innealachd iùil arm na Ruise. Thug an Ucràin ionnsaigh cuideachd air ionadan-ola agus còig bàtaichean-cogaidh Ruiseanach.
Sgoil-ealain Ghlaschu
Dh'innis Sgoil-ealain Ghlaschu nach urrainn dhaibh làn-chàradh a dhèanamh air togalach ainmeil Mhic an Tòisich gun tuilleadh taic-airgid. Bha dùil gum biodh làn ath-nuadhachadh ann air an togalach air an do rinn teine milleadh mòr ann an 2014 agus a-rithist ann an 2018. Ach tha stiùirichean na sgoile-ealain ag ràdh a-niste nach urrainn dhaibh sin a dhèanamh leotha fhèin.
Home Farm
Thug Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim rabhadh do NHS na Gaidhealtachd gun caill dachaigh Home Farm ann am Port Rìgh an clàradh mura bi piseach ann ro dheireadh na h-ath-mhìos. Tha a' Bhuidheann-sgrùdaidh ag ràdh nach do rinn NHS na Gàidhealtachd na chaidh iarraidh orra ron an seo. Thuirt neach-labhairt don bhòrd-slàinte gur aithne dhaibh gu bheil tuilleadh obrach a dhìth.
Open AI
Dh'innis aon de na companaidhean as motha ann an tuigse-innealta, Open AI, gun do ghoid feadhainn de na h-innealan as adhartaiche aca fiosrachadh bho chompanaidh tech eile. Chaidh am fiosrachadh sin a chleachadh an uair sin airson faighinn tro mheasadh an taobh a-staigh na companaidh. Thuirt Open AI gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.