Poileas a-nis ag obair an àrd-sgoiltean nan Eilean Siar

Thòisich oifigear poilis ag obair an àrd-sgoiltean nan Eilean Siar aig toiseach na teirm-sgoile seo
- Air fhoillseachadh
Chaidh oifigear poilis fhastadh airson a bhith ag obair thairis air gach àrd-sgoil sna h-Eileanan an Iar ach tha dùil gum bi iad a' chuid as motha den ùine stèidhichte ann an Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh.
Tha Comhairle nan Eilean Siar ag radh gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ri Poileas Alba a dh’ionnsaigh seo airson còrr is bliadhna, agus gu bheil iad air fios a chumail ri pàrantan agus buidhnean eile aig gach ceum.
Tha suas ri 100 oifigear poilis den t-seòrsa seo stèidhichte ann an sgoiltean air feadh Alba.
Thòisich am poileasaidh seo bho chionn 20 bliadhna agus tha na h-àireamhan oifigearan a' fàs.

Tha dùil gum bi an t-oifigear poilis coimhearsnachd ag obair ann an Sgoil MhicNeacail a' chuid as motha den ùine
Fhuair pàrantan sgoilearan Sgoil Mhic Neacail litir ag innse dhaibh gun do thòisich oifigear poilis ag obair air a' champas air 2na den t-Sultain.
Sa litir aice, thuirt Ceannard na sgoile, Jennifer Cairns, gur e obair a bhios aige dèanamh cinnteach gur e àite foghlaim sàbhailte a th' anns an sgoil.
Tha Àrd-Oifigear Foghlaim agus Seirbhisean Chloinne na Comhairle, Dòmhnall MacLeòid, ag ràdh nach e mì-rian sna sgoiltean as coireach gun deach an t-Oifigear Poilis Champais fhastadh.
"'S ann a bha e ceangailte le bhith ag obair le luchd-teagaisg, leis na daoine òga agus air na prògraman a th' aca, gu h-àraidh an dèidh a' phandemic agus na duilgheadasan sòisealta a th' air a bhith aca," thuirt e.
Bidh an t-oifigear cuideachd a' conaltradh le daoine sa choimhearsnachd, ach tha Mgr MacLeòid ag ràdh nach e na draghan mu dhol a-mach mì-shòisealta cuid de chloinn gu h-àraid ann an Steòrnabhagh as coireach gun deach an dreuchd a stèidheachadh.
"Ge-tà tha sinn a' faicinn gu bheil cothrom againn leis an oifigear seo taic a thoirt dhan t-suidheachadh a th' air a bhith againn ann an Steòrnabhagh bho chionn mìos no dhà le bhith ag obair leis an òigridh agus a' choimhearsnachd còmhla airson sin a leasachadh."
'S e sgeama pìleat a mhaireas bliadhna a tha ann an dreuchd an oifigeir poilis ùir.