Naidheachdan 10:00m
Na meadhanan-sòisealta
Thèid òigirdh fo aois 16 a chasg uile gu lèir bho na meadhanan-sòisealta, fo phlanaichean a mhìnich Sir Keir Starmer a' chiad char an-diugh. Thuirt am Prìomhaire gun robh e a' sùileachadh gun deidheadh na riaghailtean ùra air beulaibh na pàrlamaid ron Nollaig 's gum faodadh iad a bhith an sàs ro àm an earraich an ath -bhliadhna. Thuirt an riaghladair Ofcom gu bheil iad deiseil gus obrachadh gu dlùth leis an riaghaltas air na riaghailtean ùra.
Ioran
Tha na Stàitean Aonaichte agus Ioran air tighinn gu aonta gus an cogadh a thoirt gu crìch. Thuirt Pagastàn, a th air a bhith mar eadar-mheadhanair, gun deidheadh ainmean a chur ris an aonta Dihaoine anns an Eilbheis. Thuirt an Ceann-suidhe Trump gum fosgladh Caolas Hormuz cuideachd 's gun sguireadh cabhlach nan Stàitean a' stopadh puirt Iorain. Tha an t-aonta cuideachd a' gabhail a-steach na sabaid ann an Lebanon.
An Ucràin
Tha Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, air bruidhinn a-mach mu ionnsaigh Ruiseanach air aon de na làraich Orthodox as naoimhe a th' anns an dùthaich - Manachainn Pechersk Lavra ann an Kyiv. Chaidh co-dhiù naoinear a mharbhadh ann an ionnsaighean mòra Ruiseanach air feadh na dùthcha tron oidhche.
Ebola
Tha ebola air sgapadh gu sgìrean ùra de Phoblachd Dheamocrataigeach a' Chongo, a dh' aindeoin gach oidhirp le bhith a' toirt leigheis do dhaoine agus sgrùdadh nas fheàrr. Tha oifigich slàinte ag ràdh gu bheil a-nis cha mhòr 800 cùis den ghalar ann.
Tubaistean
Chaill aona fhireannach a bheatha agus chaidh fear eile a dhroch ghoirteachadh ann an dà thubaist rathaid air a' Ghàidhealtachd, aig an deireadh-sheachdain. Bhàsaich fireannach ann an tubaist faisg air Srath Pheofhair feasgar Dhihaoine agus chaidh leanabh a ghoirteachadh an sin cuideachd. Agus tha fireannach aois 22 ann an staid gu math ìosal anns an ospadal an dèidh tubaist anns nach robh ach aona charbad an sàs, air an A835 aig Loch a' Ghlais Chàrnaich, oidhche Shathairne.
Alanais
Tha na poilis a' lorg fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh dà chàr a chur nan teine ann an Alanais. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu 2:40 madainn an-dè, gu taigh aig Calpich Hill anns a' bhaile. Chuir smàladairean às na teintean agus cha deach duine a ghoirteachadh. Tha na poilis ag ràdh gun deach na càraichean a chur nan teine a dh'aona-ghnothaich. Tha iad airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh.
Roger Cook
Chaochail am fear-naidheachd Roger Cook. Bha e ainmeil airson a' phrògram The Cook Report. Bha e 83.