Kettlewell a' leantainn air aig Ross County

Stuart KettlwellTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Ross County gum fuirich Stuart Kettlewell mar mhanaidsear às dèidh dhan sgioba tuiteam gu Lìog 1 na h-Alba.

'S e seo an dàrna seusan ann an sreath a tha na Staggies air tuiteam a-mach às an lìog sa bheil iad.

Bha Kettlewell air an t-seusan a thòiseachadh mar mhanaidsear Chille Mheàrnaig ach chaidh a chur às a dhreuchd san Dùbhlachd.

Chaidh e an uairsin fhastadh ann an Inbhir Pheofharain às dèidh do Tony Docherty a' bhròg fhaighinn, ach cha b' urrainn dha an sgioba a chumail san Championship agus chrìochnaich iad aig bonn na Lìge às dèidh call ri Raith Rovers, 3-2, oidhche Haoine.

"Stiùir Stuart an sgioba gu suidheachadh far an robh iad beagan mhionaidean bho bhith fuireach san Championship, is tha sinn a' faireachdainn gu bheil na sgilean ceart aige agus na ceangalan leis a' chluba agus a' Ghàidhealtachd airson ar toirt air adhart," thuirt an cathraiche, Roy MacGriogair.

Leanaidh Stephen Frail air mar leas-mhanaidsear ach tha Iain Robasdan air fàgail às dèidh taic a chumail ri Don Cowie aig toiseach an t-seusain agus a bhith na mhanaidsear eadar-amail mus do thòisich Docherty san t-Sultain.

Chaidh cùmhnantan a thabhainn air còig cluicheadairean a tha le aontaidhean a tha a' tighinn gu ceann ach tha cluicheadairean le eòlas leithid Ross Laidlaw, Alex Iacovitti, Jordan White, Jay Henderson, Declan Gallagher agus Uche Ikpeazu air falbh.

Tha cuideachd ochdnar chluicheadairean a bh' air iasad air tilleadh chun nan clubaichean pàrant aca.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte