"Truailleadh uabhasach" air leas-allt Abhainn Spè

TruailleadhTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gur e sòda losgach a chaidh gu Allt Chnoc Cheannachd

  • Air fhoillseachadh

Chaidh àireamh de dh'iasg agus de dh'fhiadh-bheatha eile a mharbhadh ann an truailleadh air allt a tha a' sruthadh a-steach gu Abhainn Spè.

Tha dùil gur e sòda losgach a chaidh gu Allt Chnoc Cheannachd sna làithean mu dheireadh.

Thuirt buidheann dìon na h-àrainneachd SEPA gun robh iad a' rannsachadh na thachair, a th' air buaidh a thoirt air earrann còrr air mìle de dh'fhaid den allt.

Tha iasgairean slaite ag ràdh gun deach bradan an uillt gu lèir a mharbhadh, 's gun toir e bliadhnaichean faighinn seachad air.

Uabhasach

A rèir stiùiriche Bòrd Iasgaich na Spè, Donnchadh Fearghasdan, 's e fear de na tachartasan truaillidh as motha a thachair bho thòisich e ag obair air an abhainn o chionn 36 bliadhna.

"'S e rud uabhasach a th' ann," thuirt e. "Tha e dona dha-rìribh 's chan fheumadh e tachairt."

Thuirt e gum faodadh e còig bliadhna a thoirt mus till bradan dhan allt.

"Chan eil gin a bhiastagan air fhàgail, 's tha na mìltean èisg air bàsachadh. Tha an earrann seo den abhainn a-niste, gu bunaiteach, marbh. Tha e uabhasach 's chan fhaod e tachairt a-rithist."

Tha dùil gu bheil an stuth ceimigeach a fhuair dhan allt ceangailte ri gnothachas, thuirt e.

Tha an truailleadh air tachairt aig an àm as trainge airson iasgach slaite air an Spè.

"Tha sinn a' rannsachadh agus coltas ann gun deach truailleadh a dhèanamh air leas-allt de dh'Abhainn Spè, feuch dè dh'adhbharaich na thachair agus dè a' bhuaidh a thug e," thuirt labhraiche às leth SEPA.

Allt Carrainn air a thionndadh gealTùs an deilbh, Bòrd Iasgaich na Spè
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh peanta a dhòrtadh gu allt eile a tha a' sruthadh dhan Spè air a' mhìos a chaidh

Air a' mhìos a chaidh, chaidh na h-uimhir de bhradan a mharbhadh nuair a chaidh peanta a dhòrtadh gu Allt Charrainn - a tha cuideachd a' sruthadh a-steach dhan Spè.

Thachair sin faisg air Obar Lobhair, a' fàgail an uisge geal 's le fàileadh turpantain dheth.

Fhuair rannsachadh gur ann à camas parcaidh ri taobh an A95 a bha am peanta air sruthadh.

Aig an àm thuirt Cathraiche Bòrd Iasgaich na Spè, Peadar Greumach: "Tha seo na bhriseadh-cridhe an dèidh na chaidh a dhèanamh de dh'obair feuch an abhainn ath-bheòthachadh, agus seo a bhith a' tachairt ri linn, a rèir choltais, dumpadh sgudail."