£5m fhathast a dhìth mus bi leasachadh Cala Stafainn ullamh

Lachie MacIllÌosa
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Lachaidh MacIllÌosa na chiad Mhanaidsear aig Cala Staffainn

  • Air fhoillseachadh

Tha leasachadh aig Cala Stafainn san Eilean Sgitheanach am measg nam pròiseactan a fhuair taic-airgid bho Stòras nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.

Chaidh £400,000 a thoirt do dh'Urras an Taobh Sear airson na h-ath ìre den obair ach feumaidh iad fhathast £5m a lorg gus na tha san amharc aca a thoirt gu buil.

Thèid am maoineachadh as ùire a chleachdadh airson goireasan air tìr a thogail.

Thuirt Lachaidh MacIllÌosa, a' chiad mhanaidsear a-riamh aig Cala Stafainn, gum bi oifis agus seachd seadaichean airson a chur a-mach air màl do ghnothachasan.

"Tha iomadach duine a' coimhead orra mar-thà ach feumaidh sinn siostam a dhèanamh gus am faigh sinn na daoine ceart agus airgead a thoirt a-staigh airson an t-àite a chumail a' dol."

"Chan eil sinn a' dol a dh'fhaighinn airgid bhon Riaghaltas fad an t-siubhail, feumaidh sinn fhèin a bhith a' toirt a-steach tuarastail airson sin."

Cidhe Stafainn
Fo-thiotal an deilbh,

Cosgar am maoineachadh as ùire air goireasan air tìr mar thaighean-beaga is oifis

Tha iad cuideachd airson taighean-beaga poblach a thogail a bhios feumail do na h-uimhir de luchd-turais a thig chun na sgìre agus draghan air nochdadh mu cho gann 's a tha goireasan den t-seòrsa seo.

Ceannaichidh iad uidheamachd airson bàtaichean a ghluasad air a' chidhe agus a tharraing a-mach às an uisge.

Tha suas ri 14 duine aig companaidh bhradain ag obair a-mach às a' chidhe.

Tha dòchas ann gum bi dreuchdan eile air an cruthachadh an cois an leasachaidh agus plana airson taigh-bidh cuideachd ga ullachadh.

Tha Urras an Taobh Sear an dòchas gum bi an obair leasachaidh air a crìochnachadh taobh a-staigh còig bliadhna, ach tha Mgr MacIllÌosa ag ràdh gu bheil e doirbh airgead fhaighinn airson phròiseactan

"Tha tòrr obair pàipeir ri dhèanamh agus tha cosgais ann le planaichean a dhèanamh, pàigheadh airson obair eòlaichean agus sgrùdaidhean air doimhneachd na mara agus air na tuinn.

"Chaidh tòrr airgid a chosg air sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi 's dòcha £5m eile a dhìth oirnn agus 's e sin a tha doirbh fhaighinn ach nam faigheadh sinn ann an gròbagan e dhèanadh sinn an gnothach air."