Naidheachdan 11:00m
Cogadh an Ear-Mheadhanaich
Tha an Coimisean Eòrpach, an Rìoghachd Aonaichte agus dùthchannan eile air iarraidh gum biodh An Lebanon air a gabhail a-steach dhan fhosadh a chaidh aontachadh eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran, ged a tha Iran a' cumail a-mach gu bheil e mar phàirt den aonta co-dhiù. Thug Israel sreath de dh'ionnsaighean mòra air an Lebanon an-dè, agus iad ag ràdh gur ann ag amas air Hezbollah a bha iad.
Drugaichean
Tha na poilis anns an Spàinn ag ràdh gu bheil iad air buidheann eucoir Albannach a thoirt às a chèile, agus iad a' cur às an leth gun robh iad air a bhith a' làimhseachadh fiach nam milleanan euro de dh'airgead dhrugaichean. A' bruidhinn ris na meadhanan, thuirt an Guardia Civil - Geàrd Sìobhalta na dùthcha - gun robh a' bhuidheann eucoir Lyons am measg nam buidhnean eucoir as buadhmhoire anns an Roinn Eòrpa, ach gun robh ceithir duine deug a-nis air an cur an grèim ann an ceithir dùthchannan. Chaidh Steven Lyons, a bha os cionn na buidhne a rèir nan casaidean, a chur à Indonèisia chun na h-Òlaind, agus ùghdarrasan na Spàinne airson a thoirt an sin.
Luchd-imrich
Tha ùghdarrasan na Frainge ag ràdh gun deach co-dhiù ceathrar a bhàthadh ann an Caolas Shasainn, agus iad mar phairt de bhuidhinn de luchd-imrich a bha a' feuchainn ri dhol eadar an Fhraing agus Sasainn ann am bàta beag. Thuirt na h-oifigich gun deach mu 30 duine eile a thoirt gu sàbhailteachd aig muir, faisg air Bologne. Tha an iomairt-teasairginn a' leantainn.
CalMac
Tha an troimh-chèile a' dol fhathast air lìonra bhàtaichean-aiseig ChalMac agus sreath de bhàtaichean cudromach fhathast a-mach à seirbheis aca. Tha an Isle of Islay, am bàta as ùire sa chabhlach aca, an-dràsta a' dèanamh air an Òban às Ìle, agus i gu bhith a-nis a' frithealadh Bharraigh airson treis. Bidh Loch Baghasdail fhathast às aonais bàta ge-tà, agus an catamaran an Alfred gu bhith a' cuideachadh air slìghe Ìle. Bha luchd-gnothaich ann an Uibhist air i sin iarraidh air an t-seirbheis acasan. Bha CalMac air innse na bu tràithe air an t-seachdain gun robh cha mhòr an treas cuid den chabhlach aca a-mach à seirbheis.
Al-Shabaab
Chaidh fear Breatannach a chur an grèim le na poilis fo chasaid gun robh e ri stiùireadh air obair na buidhne ceannairc Islamaich Al-Shabaab, a tha stèidhichte ann an Somàilia. Tha Jermaine Grant, a tha 43, cuideachd fo chasaid gun robh e a' frithealadh campa trèanaidh comando. Chaidh Grant a chur an grèim le oifigearan bhon fheachd Mhetropolitan ann an Lunnainn.