Naidheachdan 11:00m

Microsoft

Tha sgoiltean, ùghdarrsan ionadail agus seirbheisean slàinte na h-Alba am measg nach eil a' faighinn sheirbheisean Microsoft mar a bu chòir. Tha Microsoft ag ràdh nach eil e a' dol leotha cho math 's a dh'iarradh iad a' feuchainn ri trioblaid le goireasan conaltraidh mar Outlook a chàradh. Thuirt iad gur e cus cuideim air an lìonra as coireach.

NHS Roinn a' Mhonaidh

Bidh Rùnaire na Slàinte, Angela Constance, sa chathair aig ath-sgrùdadh bliadhnail NHS Roinn a' Mhonaidh an-diugh, là an dèidh aithisg a rinn dubh-chàineadh air a' bhòrd. Thuirt an aithisg bho Healthcare Improvement Scotland gun do chuir am bòrd-slàinte euslaintich ann an cunnart leis nach do dh'ionnsaich iad bho mhearachdan a rinn iad ron seo.

Piddington

Gheall feadhainn a tha a' fuireach faisg air seann ionad-airm ann an Oxfordshire strì an aghaidh plana airson mu 1,200 luchd-siridh comraich a chur ann. Thug an riaghaltas cead dealbhachaidh dhan t-seann ghearasdan faisg air Piddington ged nach eil co-dhùnadh deireannach ann fhathast.

Iran

Thuirt Iran gun tug iad ionnsaigh air stèisean radar leis na Stàitean Aonaichte ann am Bahrain mar fhreagairt do dh'ionnsaigh Aimeireaganaich faisg air Caolas Hormuz. Thuirt an Ceann-suidhe Trump a-rithist gun d' fhuair e buaidh air Iran agus nach eil mar sin feum air aonta airson crìoch air a' chogadh.

An Ucràin

Chuir ceannard an Aonaidh Eòrpaich, Ursula von der Leyen, fàilte air coltas gum bi dùthchannan an EU sna còmhraidhean ag amas air stad a chur air a' chogadh eadar an Ruis agus an Ucràin. Thuirt i gun seasadh na dùthchannan Eòrpach an còraichean fhèin a bharrachd air taic a chur ris an Ucràin. Bha Ms von der Leyen a' bruidhinn aig toiseach coinneimh nan ceannardan Eòrpach ann am Baile Átha Cliath.

Aodion Òtrachais

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC an Alba gun robh còrr is 76,000 aodion òtrachais aig làraichean san do chuir Uisge na h-Alba siostam faire ùr airson a' chiad uair ann an 2024. Bha feadhainn dhiubh sin aig làraichean ainmeil mar Loch Laomainn. Thuirt Uisge na h-Alba nach eil na h-àireamhan sin a' dèanamh dragh dhaibh.