Naidheachdan 11:00m

Aois laghail

Tha Rùnaire Ceartas na h-Alba, Neil Gray, ag ràdh gum biodh e deònach gu leòr beachdachadh air an lagh atharrachadh a thaobh an aois aig am bi daoine ceadaichte a bhith a' toirt aonta seachad mu fheise - co-dhiù nam biodh molaidhean ann a bha stèidhichte air fianais chinnteach. Tha a' cheist ga deasbad às dèidh do bhoireannach bruidhinn a-mach agus i ag ràdh gun deach a h-èigneachadh le Russell Brand nuair a bha i 16. Tha an earrann seo dhen lagh air fhàgail fo smachd Pàrlamaid na h-Alba, agus riaghailteann ann an seo mu thràth mu dhaoine ann an suidheachadh le uallach, neo ann an dreuchd le uallach, a bhith an sàs ann am feise le feadhainn aois 16 agus 17.

Brexit

Tha Rùnaire nan Dùtchannan Cèin, Ed Miliband, ag ràdh gun robh an t-aonta mu Bhrexit a rinn na Tòraidhean mar an roghainn as miosa a b' urrainn a bhith ann - "the worst of all worlds". Bha e a' bruidhinn agus dùil gun can am Prìomhaire ann an òraid a-nochd gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air barrachd a chall le Brexit na fhuair i. Cuiridh Andy Burnham ainm ri aonta ùr leis an EU air grunn chuspairean an t-seachdain-sa - malairt bìdh, agus cothroman siubhail do dh'òigridh am measg eile. Tha na Tòraidhean ag ràdh gum bi seo a' fàgail na Rìoghachd Aonaichte gun chomas na riaghailtean sin atharrachadh.

An Ucràin

Thuirt ministearachd dìon na Ruis gun do chuir iad star air còrr air 1,300 dròn a chaidh fheuchainn orra leis an Ucràin agus coltas ann gur e seo an ionnsaigh as motha a rinn an Ucràin ann an cha mhòr còig bliadhna den chogadh eatorra. Tha an Ucràin ag amas cuideachd air an drochaid a tha a' ceangal Crimea chun na Ruis - tè de na drochaidean as cudromaiche sa cheàrnaidh sin den dùthaich. Tha an Kremlin cuideachd air a bhith a' càineadh a' Chinn-suidhe Zelensky airson innse gun robh na Stàitean Aonaichte air moladh gur dòcha gum faigheadh an Ucràin ballrachd ann an NATO nam biodh i deònach talamh a thoirt seachad dha Moscow. Cha do dhearbh iad gun deach am moladh a tha sin a chur air adhart ge-tà.

Àrachas Nàiseanta

Bu chòir cur lùghdachadh a dhèanamh air an Àrachas Nàiseanta a tha ri phàigheadh le companaidhean airson luchd-obrach òg fhastadh ann an oidhirp barrachd chosnaidhean a chruthachadh do dhaoine òga. Tha sin a rèir sgrùdaidh mu chion-cosnaidh am measg na h-òigridh a chaidh a dhèanamh don riaghalatas agus a thèid fhoillseachadh ann an aithisg le Ailean Milburn a-màireach. Tha na Toraidhean ag ràdh gu bheil còir aig an riaghaltas a bhith a' sguir cìsean a chur air dreuchdan co-dhiù.

Jackdaw

Thòisich gas tighinn bho raon gas Jackdaw anns a' Chuan a Tuath. Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead don phròiseact ged a tha e gu math connspaideach.