Naidheachdan 10:00m
An Ucràin
Tha Andy Burnham air a' chiad thuras a-null-thairis aige mar Phrìomhaire, agus e san Ucràin agus an dùthaich a' comharrachadh 35 bliadhna bho ghairm i neo-eisimeileachd on Aonadh Shòibhieatach. Aig a' cheart àm tha am Prìomhaire air aontachadh leigeil le companaidh armachd fiosrachadh a thoirt do Khyiv mu phàirtean Breatannach ann an urchairean Frangach Scalp - a tha coltach ri urchairean cruise Storm Shadow Breatannach.
Tubaist Mhairbhteach
Tha na Poilis ann an Leòdhas a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air Mòinteach Bharabhais air an deireadh-sheachdain. Bha rathad an A857 dùinte gach taobh airson grunn uairean de thìde mu mhìle a-mach à Newmarket an dèidh na tubaiste, a thachair mu 4:40f Disathairne. Chaidh fear aois 56 a bh' air motarbaidhseagal a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh far an do bhàsaich e. Bhual am baidhg aige ann an càr MG airgid. Tha fireannach aois 44 an grèim co-cheangailte ris a' chùis. Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair - gu h-àraid ma tha dealbhan dashcam aca, fios a chur thuca.
Ùig' Leòdhais
Tha dùil aig urras leasachaidh ann an Ùig' Leòdhais ùidh a nochdadh gu h-oifigeil san Dàmhair ann a bhith a' ceannach Oighreachd Ùig' is Hamnabhaigh, a tha an-dràsta le Iain Scarr-Hall. Tha iad a' coimhead ri Oighreachd Mhiabhaig, a tha nas lugha, fhaighinn cuideachd - is iad air talamh a cheannach 'son togalaichean gnìomhachais a thogail anns an sgìre. Chaidh beachd iarraidh air a' ghnothachas aig Iain Scarr-Hall.
Bluetongue
Thàinig barrachd chùisean bluetongue ann an caoraich am follais air an deireadh-sheachdain, agus tha bacaidhean ùra an sàs ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Tha a-niste ochd cùisean dheth air an clàradh an Alba. Tha ìmpidh ga chur air tuathanaich is croitearan banachdach a thoirt don stoc aca mu choinneimh a' ghalair, a th' air a sgaoileadh le meanbh-chuileagan.
Earra-Ghàidheal is Bòd
Dh'fhaodadh gun tèid cìs na comhairle ann an Earra-Ghàidheal is Bòd suas 5%, agus gun èirich cosgaisean seirbheisean na comhairle 6%, fo mholaidhean ag amas air beàrn £11m a lìonadh. Tha oifigich ag ràdh gu bheil obair a' dol mar-thà air buidseat na bliadhna-iomhais a tha romhainn, le dùil gum faigh buill sealladh air na molaidhean san Dàmhair. Chaidh cìs na comhairle ann an Earra-Ghàidheal is Bòd suas 9.7% am-bliadhna.
CrossCountry
Bidh a' chompanaidh rèile CrossCountry a' ruith làn-sheirbheis an-diugh a-rithist an dèidh dha na seirbheisean aca gu lèir cha mhòr a bhith air an cur dheth an-dè. Thachair sin agus an t-ionad-stiùiridh aca ann am Birmingham air cumhachd an dealain a chall. Thug sin buaidh air seirbheisean eadar leithid Ghlaschu is Dhùn Èideann, Manchester is Birmingham, agus eadar Cheltenham is Cardiff.