Naidheachdan 11:00m

Romània

Thuirt Ard-Rùnaire NATO gu bheil iad deiseil gus gach òirleach den sgìre a dhìon. Bha Mark Rutte a' bruidhinn as dèidh mar a chaidh dithis a ghoirteachadh le mar a bhuail dròn ann am bloc de fhlataichean ann an Romània. Thuirt Bucharest nach gabhadh iad idir ri buaidh a' chogaidh an aghaidh na h-Ucràin air an cuid shaorannaich. Chan eil an Ruis air sgath a ràdh gu poblach thuige seo.

SA/Ioran

Tha Iar Cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil iad an ìre mhath faisg air aonta le Tehran gus leudachadh a thoirt air an fhosadh sa chogadh eatorra. Thuirt JD Vance ge-tà gu bheil rud no dhà ann fhathast air a bheil fuasgladh a dhìth. Tha aithrisean a' cumail a-mach gun leigeadh dreach aonta leotha an Caolas Hormuz fhosgladh a rithist.

Sgìrean Cànain Sònraichte

Tha a' bhuidheann-iomairt Misneachd ag ràdh gu bheil culaidh-mhagaidh ga dhèanamh air amasan Achd nan Cànanan Albannach le bhith a' moladh gun rachadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd gu lèir a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte. Tha oifigearan an ùghdarrais a' moladh an leithid ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean air an ath-sheachdain. Tha iad ag ràdh gum bi aithne ann air mar a tha inbhe na Gàidhlig diofraichte ann an àitichean taobh a-staigh na sgìre sin. Tha an comhairliche Gàidhealach, Chrissie NicIllIosa, a th' air Comataidh na Gàidhlig an ùghdarrais 's tha ise ag ràdh gu bheil a' Ghàidhealtachd gu lèir le na slatan-tomhais a th'anns an achd, 's gu bheil e ciallach, mar sin, gun rachadh an sgìre gu lèir a chomharrachadh.

Oilthigh Obar Dheathain

Ma dh'fhaoidte gun tèid cur as do chòrr air 100 cosnadh aig Oilthigh Obar Dheathain mar phàirt de phlana feuch £10m a shàbhaladh. Tha an oilthigh ag ràdh gu bheil dùbhlain mòra mun coinneamh 's gu bheil aca ri rudeigin a dhèanamh gus na buidseatan aca a chothromachadh ro 2028. Chaidh fiosrachadh a thoirt don luchd-obrach, 's iad ag ràdh nach eil iad a' diùltadh daoine a chur as an dreuchdan an aghaidh an toil.

Imrichean

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil teicneòlas AI a chleachdadh mar phàirt den oidhirp gus bacadh a chur air imrichean a tha a' tighinn chun na dùthcha ann an geòlaichean beaga o bhith ag innse bhreugan mun aois aca. Chaidh aonta a ruighinn le companaidh IT son siostam a tha ministearan ag ràdh a nì tuairmse taobh a-staigh diogan feuch dè an aois a tha neach. Bidh dìon a bharrachd ga thoirt do dh'imrichean nas òige na ochd bliadhna deug.