Riochdachadh poilitigeach san RACiamar a tha BP air an taghadh a Thaigh nan Cumantan?
Tha pàrlamaid na RA air a dèanamh suas de Thaigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean. Bidh Buill Phàrlamaid (BP) a tha air an taghadh a' bhòtadh air cùisean agus air laghan a tha a' toirt buaidh air an RA.
Ciamar a tha BP air an taghadh a Thaigh nan Cumantan?
Tha Buill Pàrlamaid (BP) air an taghadh a h-uile còig bliadhna aig Taghadh Coitcheann.
Figure caption,
Taobh a-staigh Taigh nan Cumantan.
Tha an rìoghachd air a roinn nan 650 roinn-pàrlamaid no sgìre airson Taghadh Coitcheann. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BP airson na Pàrlamaid.
Dè thachair san Taghadh Coitcheann mu dheireadh?
Chaidh an Taghadh Coitcheann mu dheireadh a chumail san RA Diardaoin an 4mh Iuchar 2024.