Ùisdean MacAoidh

Rugadh Ùisdean MacAoidh ann an 1889 ann an Goillspidh an Cataibh. Bhuail polio e na òige agus dh'fhàg sin e cuagach fad a bheatha.

Chaidh e don sgoil an Dòrnach far an d' thàinig e fo bhuaidh ceòl Gallda. Dh'ionnsaich e an duiseal a chluich agus bha e ga cluich ann an Còmhlan-chiùil Dhòrnach. Bha e cuideachd a' seinn ann an còisir Àrd-eaglais a' bhaile.

Ged a thug e mach a chiùird mar thàilleir, bha e cho ceòlmhor is gun d' thugadh dha obair a' falbh Chataibh air baidhsagal, a' teagasg òrain anns na sgoiltean. B' ann ri linn na rinn e as na sgoiltean a thàinig e gu aire Mharsaili Cheanadach Fhriseal. Thug i fiathachadh dha tighinn do Bharraigh agus sin far na thachair e ris an t-Urramach Coinneach MacLeòid, ministeir Ghiogha, a bha a' cuideachadh Mharsaili.

Dh'èirich dàimh mhòr eadar Ùisdean agus Coinneach MacLeòid agus tha e coltach gur e MacLeòid a bha toirt taic do dh'Ùisdean leis a' Ghàidhlig nuair a bhiodh e a' deisealachadh airson mòdan.

Fhuair e am Bonn Airgid ann an 1911 agus am Bonn Òr aig Mòd Inbhir Nis ann an 1912, aig aois 23.

Dà bhliadhna an dèidh dha am Bonn Òr fhaighinn, chaidh an Cogadh Mòr a ghairm ach, chionns gu robh Ùisdean cuagach, cha do thogadh e airson sabaid. Chaidh a chuir a dh'obair a Dhùn Èideann agus bha e a-rithist ann an cuideachd Mharsaili Cheanadach Fhriseal agus Choinnich MhicLeòid.

Cha do thill e do Chataibh gus an robh an cogadh seachad agus chan eil teagamh nach tug na bliadhnaichean sin an Dùn Èideann buaidh mhòr air a roghainn òran. Bha iad rim faighinn, le ceòl piàna nan cois, anns na ceithir leabhraichean aig Marsaili agus Coinneach MacLeòid, Songs of the Hebrides (eadar 1909 agus 1921) agus From the Hebrides, a nochd greis an dèidh sin.

Às a' chòrr air 40 òran a chuir Ùisdean MacAoidh air clàr, 's e glè bheag dhiubh nach buin don stoidhle seo.

Thill Ùisdean a Chataibh an dèidh a' chogaidh agus ghabh e pìos fearainn ann an Roghard far an robh e ag àrach chearc airson greis.

Cha b' fhada gus an d' fhuair e cuireadh a dhol a Lunnainn airson seinn còmhla ri companaidh dràma is ceòl air an robh The Arts League of Service, a bha a' falbh na dùthcha a' toirt dràma is ceòl do cheàrnaidhean nach fhaigheadh a leithid às an aonais. Ghabh Ùisdean ris a' chuireadh is cha do rinn e mòran tuilleadh sa cheann a tuath.

Gach oidhche a bha e ag obair leis a' chompanaidh seo, gun diofar dè an ceàrnaidh as an robh iad, bha Ùisdean a' seinn òrain Ghàidhlig fad cairteal na h-uarach no fichead mionaid dhan luchd-èisteachd, agus a' mìneachadh co mu dheidhinn a bha na h-òrain.

An ceann dà bhliadhna bha e na mhanaidsear air a' chompanaidh agus phòs e Eleanor Elder, an tè a chuir an gnothach air chois o thùs. Bha airgead aice agus bha i deònach a chosg air an obair a bha iad a' dèanamh. Shiubhail iad Sasainn agus Alba agus bha cliù Ùisdein a' sìor dhol am meud.

Ann an Cataibh, 's e Hughie's Concert Party a bha aca air a' chompanaidh an corra uair a ruigeadh iad cho fada tuath.

Bha Ùisdean a-nis ainmeil mar sheinneadair agus mar mhanaidsear, agus eòlach air a bhith seinn anns na taighean mòra far an robh an ceòl aig Marsaili Cheanadach Fhriseal fasanta.

Ann an 1925, fhuair an Arts League of Service cuireadh an cur-seachad a bh' aca a thoirt gu Baile Mhoireil, air beulaibh Rìgh Seòras V agus a' Bhanrigh Màiri.

Chan eil teagamh nach do rinn Ùisdean agus Eleanor obair ionmholta, a' misneachadh buidhnean dhen t-seòrsa aca fhèin ann am bailtean beaga air feadh Bhreatainn. Leig iad fhèin seachad an Arts League of Service ann an 1937.

Cheannaich Ùisdean an uair sin pìos fearainn ann an Essex, far an robh e fhèin agus Eleanor a' cumail chearcan agus ghobhair, mhucan agus gheòidh, gus na chaochail e ann an 1966, aig aois 77.

Bha dithis ghillean aca agus thug iad a chorp air an astar gu Dòrnach airson a thiodhlacadh as an dùthaich a dh'àraich e agus far an do thòisich e a' seinn.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.