Ille Bhò-lagain agus Òran Buaile

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ùisdean MacAoidh.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ùisdean MacAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ille Bhò-lagain

Ill a bhò-lagain, ill bhò m' aghan
Ill a bhò-lagain, ill bhò m' aghan
Ill a bhò-lagain, ill bhò m' aghan
Mo chrodh laoigh air gach taobh an abhainn.

Buarach sìomain do chrodh na tèile
Buarach sìoda do m' aghan fhèin
O buarach sùgain air crodh na dùthcha
Buarach ùr air mo bhuaileig gaoil-sa.

Bò lurach, bò na h-àirigh
Bò a' bhàthach màthair laogh
Buachaille Pàdraig is banchaig Brìde
Dar sìon, dar dìon 's dar còmhnadh.

Òran Buaile

Ogha Ciaraig, iar-ogha Duinneig
Cha toir mac Iain Ghiorr am bliadhna Mhuil' thu;
Thug e 'n Dubh 's an Geal 's an Ciar uam
'S mòr m'eagal gun toir e mo chiall uam.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Dreach Mharsaili Cheanadach Fhriseal. Tha e coltach gur ann bho Alasdair MacIlleMhìcheil a fhuair Marsaili 'Òran Buaile'. Anns an leabhar anns an do dh'fhoillsich i an dà òran seo tha Marsaili Cheanadach Fhriseal ag ràdh gun deach 'Ille bhò-lagain' a thogail bhon t-seinn aig Peigi Dhòmhnallach à Uibhist a Deas. Tha e cuideachd air aithneachadh mar 'A' Bhuarach Shìoda'.

A' Bhuarach Shìoda

Tha buarach shìoda
Tha buarach shìoda
Tha buarach shìoda
Air m' aghan gaoil.

Nuair bhios an sìoman
Air crodh na tìre
Bi buarach shìoda
Air m' aghan gaoil.

Nuair bhios am fodar
Air crodh nam bodach
Bidh buarach shìoda
Air m' aghan gaoil.

Nuair thig an geamhradh
Is gainne an fhodair
Crodh nam bodach
Cha tog iad àl.

Ach ged bhithinns'
Gun sguab nam shabhal
Chuirinn cobhar
Air gogan làn.

Nuair thèid mise
'S mo chuid aighean
Roimh an latha
Do Ruigh-Chaol.

Is mòr mo mhulchag,
Is trom mo mhuighe,
Is leathan, buidhe
Mo chuid laogh.

Seinneadairean / Performers

Ùisdean MacAoidh

Rugadh Ùisdean MacAoidh ann an 1889 ann an Goillspidh an Cataibh. Bhuail polio e na òige agus dh'fhàg sin e cuagach fad a ...

Fiosrachadh air Ùisdean MacAoidh / Learn more about Ùisdean MacAoidh

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.