Rugadh Sìm Seòras MacIllFhaolain ann am Meat Cove an Ceap Breatainn air 22 Dàmhair, 1890, agus chaochail e ann a Sydney air 16 Iuchar, 1974. Bha dusan de theaghlach aige fhèin agus a bhean, Marcella.
Bhiodh Sìm ag iasgach an Ceap Breatann fad mìosan an t-samhraidh agus a' cur seachad a' gheamhraidh a' gearradh coille ann an Ontario. Chlàr fear-cruinneachaidh às na Stàitean còrr is 50 òran, Gàidhlig agus Beurla, bhuaidhe aig deireadh nan 60an. Chlàr Fred MacAmhlaigh Clann Ghriogair air Fògradh bhuaidhe 's e air turas a Cheap Breatainn ann an 1972.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.