Clann Ghriogair air Fògradh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Sìm Seòras MacIllFhaolain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Sìm Seòras MacIllFhaolain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Is mi suidhe an seo am ònar
Air còmhnard an rathaid

Dh'fheuch am faic mi fear-fuadain
Tighinn o Chruachan a' cheathaich

A bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogair
No fios cia an do ghabh iad.

Cha d' fhuair mi dan sgeulaibh
Ach iad bhith 'n-dè air na Sraithibh.

Thall 's a bhos mu Loch Fìne,
Masa fìor mo luchd-bratha;

Ann an Clachan an Dìseirt
Ag òl fìon air na maithibh.

Bha Griogair Mòr Ruadh ann,
Làmh chruaidh air chùl claidheimh,

Agus Griogair mòr meadhrach,
Ceann-feadhna ar luchd-taighe.

Mhic an fhir à Srath h-Àrdail
Bhiodh na bàird ort a' tathaich;

Is a bheireadh greis air a' chlàrsaich
'S air an tàileasg gu h-aighear;

'S a sheinneadh an fhidheall
Chuireadh fioghair fo mhnathaibh.

'S ann a rinn sibh an t-sitheann anmoch
Anns a' ghleann am bi an ceathach.

Dh'fhàg sibh an t-Eòin bòidheach
Air a' mhòintich na laighe,

Na starsnaich air fèithe
An dèidh a reubadh le claidheamh.

'S ann a thog sibh a' ghrèigh dhùbhghorm
O Lùban na h-abhann.

Ann am Bothan na Dìge
Ghabh sibh dìon air an rathad,

Far an d'fhàg sibh mo bhiodag
Agus crios mo bhuilg-shaighead.

Gur i saighead na h-àraich
Seo thàrmaich am leathar.

Chaidh saighead am shliasaid,
Crann fiar air dhroch shnaidheadh.

Gun seachnadh Rìgh nan Dùl sibh
O fhùdar caol neimhe,

O shradagan teine,
O pheileir 's o shaighid,

O sgian na rinn caoile
'S o fhaobhar geur claidheimh.

Is ann bha a' bhuidheann gun chòmhradh
Di-Dòmhnaich am bràigh bhaile

Is cha dèan mi gàir èibhinn
An àm èirigh no laighe.

'S beag an t-iongnadh dhomh fhèin siud
'S mi bhith 'n dèidh mo luchd-taighe.

Clann Ghriogair

Tha dòrlach òrain ann, Griogal Cridhe agus 'Clann Ghriogair air Fògradh' nam measg, a tha co-cheangailte ris an t-strì a bha eadar Clann Ghriogair agus na Caimbeulaich as an t-siathamh agus as an t-seachdamh linn deug.

Bho dheireadh a' cheathramh linn deug bha dùthaich aig Clann Ghriogair ann an Gleann Sreith ach fo smachd nan Caimbeulach, Iarlan Earra-Ghàidheal.

Rè ùine, agus gu h-àraidh às dèidh 1432, ghabh iad fhèin agus Caimbeulaich Ghlinn Urchaidh sealbh air fearann ann an Siorrachd Pheairt agus gu h-àraidh ann am Bràghad Albainn.

Eadar 1513 agus 1550 lughdaich ùghdarras Caimbeulaich Ghlinn Urchaidh agus thàinig Clann Ghriogair fo smachd Iain Chaladair, Caimbeulach eile, 's dòcha cho tràth ri 1513, agus lean iad orra a' sgaoileadh an cumhachd cho fada ri Raineach.

Ann an 1550 ghabh Cailean Liath thairis mar cheann-cinnidh Caimbeulaich Ghlinn Urchaidh agus thòisich cumhachd a' chinnidh a' dol am meud mar a rinn e a-rithist fo cheannardas a mhic, Donnchadh Dubh.

B' e daoine cruaidh a bh' annta, nach fhuilingeadh càil a dhol nan aghaidh agus gu dearbha cha robh iad airson gum biodh buidheann làidir eile, leithid Clann Ghriogair, san tìr.

Ghabh Cailean Liath ceannardas a chinnidh san Iuchair 1550. Uaireigin goirid an dèidh sin, chaochail Iain Ruadh, ceann-cinnidh nan Griogarach. Bha a bhràthair, Griogair Ruadh, ro òg airson a dhol na àite agus ghabh Cailean Liath an cothrom smachd fhaighinn air Clann Ghriogair.

Nuair a thàinig Griogair Ruadh gu aois, faisg air deireadh 1562, gheall Cailean Liath Gleann Sreith dha, nan aontaicheadh e ri grunn bhacaidhean laghail a dh'fhàgadh e gun seasamh mar cheann-cinnidh, agus nam brathadh e dithis de chinneadh a bha air searbhant le Cailean Liath a mharbhadh. An iomadh dòigh cha robh roghainn aige ach sabaid.

Air oidhche 7 Dùbhlachd, 1562, le mu 26 de luchd-cinnidh còmhla ris, thug Griogair Ruadh ionnsaidh air taigh-òsta faisg air Coille Chneagaidh far an robh naoinear fhir, ochdnar dhiubh nan Caimbeulaich, a' gabhail tàmh na h-oidhche 's iad air an slighe dhachaidh bho fhèill am Peairt. Chuir na Griogaraich teine ris an taigh-òsta agus mharbh iad ochdnar de na fir.

Lean iad romhpa gu Srath Tatha far na chuir iad teine ri sabhal as an robh buidheann de Chaimbeulaich agus de Chlann 'ic Carmaig ri fasgadh. Thug iad na fir sin an grèim agus mharbh iad aon dhiubh an ceann ùine.

B' e seo toiseach strì fuilteach a mhair gu 1570 agus a dh'fhàg Griogaraich tric fon choill.

Seinneadairean / Performers

Sìm Seòras MacIllFhaolain

Rugadh Sìm Seòras MacIllFhaolain ann am Meat Cove an Ceap Breatainn air 22 Dàmhair, 1890, agus chaochail e ann a Sydney air 16 Iuchar, 1974. ...

Fiosrachadh air Sìm Seòras MacIllFhaolain / Learn more about Sìm Seòras MacIllFhaolain

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.