'S ann à Crìochan Bràigh na h-Aibhne an Siorrachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn a bha Seonaidh Williams, Seonaidh Aonghais Bhig. Bha e aithnichte airson na bh' aige de dh'òrain air a chuimhne, chan e a-mhàin òrain a thug na Gàidheil a-null leotha à Alba gu ruige Ceap Breatainn, ach cuideachd àireamh mhòr de dh'òrain a rinneadh an Canada.
A' bruidhinn mu dheidhinn ann am prògram a rinn e do BBC Radio nan Gàidheal mu òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn, thuirt an t-eòlaiche Seumas MacBhàtair:
"Seinneadair dìreach sònraichte a bh' ann agus bha e na dheagh choimhearsnach dhomhsa. Bha sinn a' fuireach car faisg air a chèile agus 's iomadach turas a rinn mi nall gu àite Sheonaidh gun dèanainn cèilidh air, dìreach gus am biomaid a' bruidhinn mu na h-òrain agus gun cluinninn na h-òrain a ghabhadh esan.
Bha Gàidhlig air a bruidhinn as an taigh sin gus an deach e gu bàs. Bha e a' fuireach còmhla ri nighean a pheathar agus a bhràthar."
Mhìnich Seumas cuideachd co às a thàinig an t-ainm Williams:
"'S e bu sheanair dha fear às a' Chuimrigh air an robh Williams. Air taobh a mhàthair 's e Clann 'ill' Eòghainn a bh' annta, agus an seann àite far an robh iad a' fuireach, b' ann aig feadhainn de Chlann Eanraig a bha an t-àite sin. Agus thàinig iad à sin a-nall an seo gu Eilean Cheap Breatainn, às Eilean nam Manach, no Eilean na Muice ma thogras sibh. Bha Seonaidh an còmhnaidh ag ràdh gur e Mucaich a bh' annta."
Bha an tuathanas air an robh Seonaidh a' fuireach agus ag obair air a bhith as an teaghlach airson ginealaich. Gu duilich chaochail e ri linn teine san Fhaoilleach 2005.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.