Nochd Trom Tha Mo Cheum

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seonaidh Williams.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seonaidh Williams.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A-nochd 's trom tha mo cheum
Is snigh' air mo ghruaidh fhéin
A-nochd 's trom tha mo cheum.

Gu bheil mise fo mhulad
'S mi air m' uilinn 'n Gleann Cuaicheadh.

Tha 'ad nan sìneadh 's na càrnan
'S luchd mo ghràidh a chumadh suas sinn.

Bha m' athair ann 's mo mhàthair
'S Raghnall àrd a' chùil dualaich.

'S gu bheil mise fo mhulad
Siud an gaol a rinn mo bhuaireadh.

Beannachd Dhia bhith dhan anam
Rìgh nan Aingeal gam buaireadh.

Chan eil fàth dhomh bhith gan ionndrainn
Chaidh an ùir air an duathar.

Gur h-iomadh piuthar tha gun bhràthair
'S gu bheil i cràiteach air uairean.

'S gur tric a thug 'ad dhomh preasant
'S 'ad nan seasamh ri m' ghualainn.

Chan eil mise ga àicheadh
Siod an dulag nach gluaiseadh.

Seinneadairean / Performers

Seonaidh Williams

'S ann à Crìochan Bràigh na h-Aibhne an Siorrachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn a bha Seonaidh Williams, Seonaidh Aonghais Bhig. Bha e aithnichte ...

Fiosrachadh air Seonaidh Williams / Learn more about Seonaidh Williams

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.