Eòsaph MacAoidh

Rugadh Eòsaph MacAoidh ann am Mealanais, ann an Cataibh, air 12 Ògmhios, 1909. Bhuineadh athair, Iain Uilleam MacAoidh, do Mhealanais agus bha a mhàthair, Seasaidh Anna Clouston, à Arcaibh. B' e Eòsaph a b' òige de naoidhnear chloinne agus chaidh e do bhun-sgoil a' bhaile agus an dèidh sin do Sgoil Ghoillspidh. Dh'fhàg e an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug.

Chionns nach robh Ghàidhlig aig a mhàthair, cha b' i cainnt na dachaigh, ach bha leithid de dh'ùidh aig Eòsaph anns a' Ghàidhlig 's gun deach aige air a h-ionnsachadh anns a' choimhearsnachd.

Bha Eòsaph ag obair airson bliadhnaichean mar thidsear gun teisteanas, a' teagasg Beurla do chloinn a bha a' fuireach ann an àiteachan iomallach, far nach robh sgoiltean ri làimh. Bha e greis mhath ann an sgìre an t-Srath Mhòir agus bha aige ri dhol tarsaing Loch Hòb ann am bàta beag a theagaisg triùir chloinne a bha a' fuireach ann an Àrnapol.

Nuair a thòisich an cogadh chaidh e dhan Royal Corps of Signals agus bha e anns an Eadailt airson pàirt dhan t-strì. Chaidh a leòn agus dh'fhàg sin e gu math bodhar ann an aon chluais fad a bheatha.

Phòs e beagan bhliadhnaichean an dèidh a chogaidh agus b' ann à Arcaibh a bha a bhean, Barabal Bally Corse. Rinn iad an dachaigh ann am Mealanais, glè fhaisg air far an do rugadh e. Bha e ag obair airson ochd bliadhna fichead an dèidh sin aig a' chompanaidh àrachais Prudential, a' frithealadh sgìre fharsaing ann an Cataibh, bho Dhiùranais anns an àird an iar, gu Port Sgeire anns an àird an ear.

Bha ùidh mhòr aige Eòsaph ann am bàird na sgìre, gu h-àraidh Rob Donn agus bha e a' toirt tlachd mhòr dha a bhith a' seinn òrain mar Gleann Gallaidh. Bha e dèidheil cuideachd air na dàin aig Eòghainn MacDhonnchaidh.

Bhiodh Eòsaph tric a' seinn aig cèilidhean agus bhiodh e a' cluich na fidhle, sgil a dh'ionnsaich e dhà fhèin. Bha e na bhall de Chòmhlan-ciùil Mhealanais agus bha a bhean Barabal a' cluiche a' phiàna. An dèidh dhan chòmhlan sin sgaoileadh bha e ann an Còmhlan-ciùil Thunga.

Bha Eòsaph gu mòr an sàs anns an oidhirp Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a stèidheachadh mar chuimhneachan air Na Fuadaichean. Chaidh an Taigh-tasgaidh fhosgladh anns an Bhlàran Odhar anns a' Chèitean, 1977.

Bha pàistean-sgoile à sgìre Fàrr dom b' ainm MacAoidh an làthair aig a' chuirm fosglaidh, 59 dhiubh a-mach às na 169 pàistean-sgoile a bha anns an sgìre gu lèir. Bha Eòsaph na urrasair air an Taigh-tasgaidh.

Bha e cuideachd na chomhairliche sgìreil airson mu fhichead bliadhna, a' riochdachadh sgìre Thunga agus Fàrr. Tha Joseph MacKay Court, ann am Mealanais, air ainmeachadh às a dhèidh, mar chomharra air na rinn e dhan sgìre.

Chaochail Eòsaph MacAoidh, ann an Dachaigh Chaladh Sona ann am Mealanais, air 9 Lùnasdal, 1999, aig ais ceithir fichead 's a deich.

Tha sinn gu mòr an comain Tomasina Shutharlanach, à Mealanais, nighean bràthair Eòsaph, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.