Eòghainn MacDhonnchaidh

Chaidh an t-òran Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr a sgrìobhadh le Eòghainn MacDhonnchaidh à Tunga, no Ceann t-Sàile MhicAoidh, beagan mhìltean an iar air Scearaigh.

Rugadh e anns a' bhliadhna 1842 agus, a bharrachd air a bhàrdachd, tha e ainmeil airson an fhianais mu chor nan daoine a thug e do Chomisean Napier ann an 1883.

Bha leannan aig Eòghainn air an robh Seonag NicAoidh. Aig aois 19, ann an stoirm is rag ghèile, thuit i bhon drochaid aig Abhainn Bhorgaidh agus chaidh a bàthadh. Bha nigheanan eile còmhla rithe nuair a chaidh i leis an drochaid agus ruith tè dhiubh sin do thaigh a bha faisg a dh'iarraidh cobhair. Tha e coltach gu robh iad a' gabhail an leabhair as an taigh sin agus chan èisteadh fear an taighe gus an robh an t-adhradh seachad.

Sgrìobh Eòghainn:

Gur brònach mo chridhe, gur goirt tha mo cheann,
Mo dhùthaich bhith cho dùbailt, 's deagh-dhùrachd cho gann;
Gun charaid gun nàbaidh, gun aon dhomh bhith ann
Gur tinn dh'fhàg siud mis anns a' Ghàidhealtachd.

Ach is tric tha mo chrìdh tigh'nn air ais do na glinn,
Do dh'èisdeil na h-uilltean tro slocan na beinn;
An uiseag 's a' smeòrach 's a' chuthag a' seinn
Cha chluinn mi gu bràth anns a' Ghàidhealtachd.

Càit a-nis bheil na Gàidheil a b' àbhaist bhith ri 'm thùbh
Cho òrdail 's cho càirdeil, cho fonnail 's cho dlùth;
Rinn gach caraid leam fhàgail, tha mo chàirdean anns an ùir
'S cha phill mi gu bràth don a' Gàidhealtachd.

Tha an ìosal cho uasal 's tha 'n uasal cho fealls
Gach aon fanadh bhuam mar gum bean'dh iad ri biast;
Tha a' soisgeal mar leisgeul gu freagair an gnìomh
'S gur truagh tha mi nochd anns a' Ghàidhealtachd.

Càit' a nis bheil a' nìghneag bheag bhòidheach is grinn
A dh'fhàg mi nuair dh'fhalbh mi cho fonnail 's cho binn;
Gur truagh mi 's gur cruaidh orm, thug am bas uam mo rùn
'S cha phill mi gu bràth don a' Ghàidhealtachd.

Ged bu tric bha mi gòrach cha do chiùrr mi gin riamh,
Cha do chiùrr mi gin idir le èiginn no gnìomh;
Carson a nis tha iad ga mo reubadh 's mo chàirdean cho gann
'S gach aon fanadh bhuam anns a' Ghàidhealtachd.

Cha do phòs Eòghainn riamh agus chaochail e ann am Bràigh Thunga ann an 1895. Tha e coltach gun deach an làmh-sgrìobhainn aige a chall an dèidh a' bhàis.

A rèir Iain Grimble, a sgrìobh an leabhar The Trial of Patrick Sellar (Routledge and Kegan Paul, Lunnainn, 1962), chaidh an t-òran Mo Mhallachd aig na Caoraich Mhòr a sgrìobhadh sìos bho aithris a' bhàird fhèin le Seòras MacAoidh a bha a' fuireach an Inbhir Nàbhair.

Tha Grimble a' cumail a-mach gun deach an t-òran a dhèanamh goirid ron àm a bha Coimisean Napier a' togail fianais air feadh na dùthcha "trì fichead bliadhn' is trì" an dèidh na fuadaichean uabhasach a bha an Cataibh ann an 1819-20.

B' ann à Siorrachd Mhoireibh a bha Pàdraig Sellar agus bha e na iar-bhàillidh aig Ban-Iarla Chataibh. B' e fear-lagha bh' ann, agus thàinig e fhèin agus Uilleam Young a Chataibh ann an 1808 a dh'obair dhan Bhan-Iarla. Bha làmh mhòr aca anns na planaichean a dh'adhbharaich gun deach mòran sluaigh a ghluasad far fearann na h-oighreachd.

Ghabh iad nan dithis tuathanas chaorach ann an Cùl Mhàillidh, faisg air Goillspidh, agus sgiùrs iad na daoine far an fhearainn sin cuideachd.

Bha Seumas Loch à Dùn Èideann agus cuideachd ag obair don Bhan-Iarla. Bha e fhèin na mheadhan air fuadaichean, agus sgrìobh e An account of the improvements on the estates of the Marquis of Stafford in the counties of Stafford and Salop, and on the Estate of Sutherland far an d' thuirt e:

"It seemed as if it had been pointed out by Nature that the system for this remote district, in order that it might bear its suitable importance in contributing its share to the general stock of the country, was to convert the mountainous districts into sheep-walks and remove the inhabitants to the coast or to the valleys near the sea."

Ged nach d' fhuaireadh Sellar ciontach as a' chùirt de na casaidean a bha na aghaidh, chan eil teagamh nach eil a dhroch chliù agus droch chliù Sheumais Loch maireannach am measg nan Gàidheal mar dhaoine a bha nam meadhan air daoine fhuadach as an dachaighean, tric le làmhachas-làidir, ged nach eil a h-uile eòlaiche eachdraidh ag aontachadh ris a' bharail seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.