Eddie MacRath

Rugadh agus thogadh Eddie MacRath ann an Gleann Seile, faisg air làrach Blàr Ghlinn Seile. Ghluais an teaghlach à sin gu croit an Lùb an Eòrna, mu cheithir mìle à Cluainidh, ach far nach eil fiù 's taigh an-diugh. B' ann bhon chroit sin a fhuair e an t-ainm a chleachdadh a h-uile duine a bha eòlach air, Eddie Lùb an Eòrna.

Bha dà bhràthair aige ach dh'fhàg iad an sgìre nuair a bha iad òg. Chaidh fear dhiubh a Lunnainn agus fear eile a Pheairt.

Bha Eddie pòsta aig Joyce, tè a mhuinntir Dhùn Èideann agus bha dithis chloinne aca, nighean agus balach. Bha Joyce gu mòr an sàs ann am beatha na sgìre, gu h-àraidh tro Chomann Dràma Coimhearsnachd na h-Alba, an SCDA agus an WRI. Chan eil cho buileach fada bho ghluais i gu deas airson a bhith faisg air teaghlach agus oghaichean agus an-diugh chan eil duine de dhlùth chàirdean Eddie air fhàgail sa ghleann.

Chuir Eddie a bheatha seachad ann an Ceann t-Sàile far an robh e ainmeil airson cho math 's a bha e air caoraich. Bha e cuideachd mion-eòlach air an dùthaich. Ann an 1987, air BBC Radio nan Gàidheal, dh'innis e mar a bha Gleann Seile nuair a bha e òg:

"Nuair a bha mise òg cha mhòr nach robh fichead pearsa ann, 's a rèisde bha taigh a-bhàn seachad air far an robh am batal an Gleann Seile. Eas nan Arm a theireadh iad ris, is bha feadhainn a' fuireach a' sin. 'S a rèisde bha feadhainn a' fuireach ann am Màlagan. Bha Eas nan Arm car mìle air falbh 's bha Màlagan car dà mhìle eile. 'S chan eil duine a' sin, taigh no rud eile as na h-àiteachean tha sin.

Bha gu leòr as a' ghleann. Bha 'd ag obair as a' choille, agus tìde an t-seusain bhiodh iad ag obair air na fèidh. Bhiodh ghillies ann is geamairean is feadhainn mar sin. Bha meall sluagh a' dol air ais 's air adhart."

Chluicheadh Eddie an fhidheall agus am bogsa agus bhiodh e tric a' cluiche còmhla ri a cho-ogha Murchadh MacRath, Murdaidh Càrn. Bha meas mòr aige air òrain, gu h-àraidh na h-òrain a bha ann an dualchas na sgìre. B' e aon de na seinneadairean mu dheireadh aig an robh na h-òrain aig Iain mac Mhurchaidh, leithid Tha mi Sgith 'n Fhògairt Seo agus Dèan Cadalan Sàmhach bho bheul-aithris. B' e a bha aig cridhe iomadh cèilidh anns an Dòrnaidh agus an Gleann Seile agus tha cuimhne aig daoine air mar dhuine mòr dòigheil.

Bhàsaich Eddie Lùb an Eòrna air 10 Samhain, 1990.

Tha sinn an comain Iain Fearchar Rothach agus Màiri Sìne Chaimbeul airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.