Òran a' Chìobair (Òran Weir)

Òran air a sgrìobhadh le: Seumas Caimbeul (Gleann Peighinn) agus air a sheinn le: Eddie MacRath.

This is a song written by: Seumas Caimbeul (Gleann Peighinn) and sung by: Eddie MacRath.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Och, och, mar tha mi 's mi siubhal fàsaich
'S na glinn 's am b' àbhaist na fir bhith còmhnaidh;
Tha m' inntinn cràiteach, cha dèan mi àicheadh
'S mo leannan Hànah 's i dol a phòsadh.

'S tha gleann a' chaorainn air fàs cho aognaidh
On a dh'fhalbh na daoin' às air 'n robh sinn eòlach;
Is geur an ùine gus am fàg mi fhìn e
'S cha dèan mi dìreadh ri Strìop a' Chòmhlain.

'S a nìonag cliùiteach tha maise giùlain
Cha mhaidse Diùc dhut air ùrlar sheòmar;
Cas is deasa 's a thèid an ruidhle
Bho ghleusadh fìdhle air ùrlar bòrda.

Ach oidhche bhàil thuig mi chùis mar bha
Nuair thàinig càil dhuinn gu danns' a' phòca;
Fear ùr nam àite na shuidhe làmh riut
Is mis' air m' fhàgail fo phràmh air sòfa.

'S mar diù leat cìobair cha bhi mi strì riut
O, 's i mo chiùird i o làithean m' òige;
Ri Beinne Sìthein a leag mi m' inntinn
Oir 's ann sna glinn seo bha m' shinnsir còmhnaidh.

Chuir iad ormsa gu robh mi aotrom
'S gum bithinn daonnan sna taighean-òsta;
'S ged bheirinn taom ann cha robh mo ghaol ann
Ach comann dhaoin' agus gaol a' chòmhraidh.

'S ged tha mi bochd 's mi gun stòras agam
Chan fhuiling mi facail no smachd bho dròbhair;
Tha 'n òige gleac rium, 's i fheàrr nam beairteas
Is mac na braiche toir misneachd dhòmhsa.

Ach feuch nach meall ort nam beil an geall riut
Tha mòran ann diubh ri shìr' do phòsaidh
Na creid an cainnt gus am faigh thu snaim air
Tha 'n gaol cho mealltach, 's gun ann ach dòcha.

Seinneadairean / Performers

Eddie MacRath

Rugadh agus thogadh Eddie MacRath ann an Gleann Seile, faisg air làrach Blàr Ghlinn Seile. Ghluais an teaghlach à sin gu croit an Lùb an ...

Fiosrachadh air Eddie MacRath / Learn more about Eddie MacRath

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.