Rugadh Aonghas Fleidsear, Aonghas a' Ghobha, ann a' Siadar Ùige an Eilein Sgitheanaich sa bhliadhna 1896. B' e gobha a bha na athair agus dh'ionnsaich Aonghas a' cheàird sin bhuaidhe.
Ron dàrna cogadh bha Aonghas ag obair air oighreachd ann an Dùn Alasdair airson faisg air deich bliadhna. Bha e pòsta aig tè a mhuinntir Ùige, Anna Ghreumach, agus bha aon nighean aca, Catrìona.
Thill an teaghlach air ais dhan eilean goirid mus do thòisich an dàrna cogadh agus thog Aonghas taigh ri taobh Abhainn Chonainn, ann an Ùig.
Bha Aonghas a' dèanamh bith-beò à diofar sheòrsachan obrach, clachaireachd agus saorsainneachd nam measg. Mar a thuirt e fhèin:
"Bhithinn a' togail thaighean, 's ged nach do dh'ionnsaich mi a' chiùird sin cha do thuit gin aca fhathast."
Bha tàlant air leth aige airson òrain eirmseach, èibhinn a bhiodh e fhèin a' seinn. Mar eisimpleir, nuair a ràinig e aois a' phension fhuair e cuireadh gu partaidh nan seann daoine:
Saoil an tuig sibh mar a bha mi
Nuair a fhuair mi fios na pàirtidh;
Dùil a'm gur ann òg a bha mi
Ged tha mo chnàmhan làn lumbago.
Mìle beannachd aig a' chòmhlan
Chruinnich iad a' seo sinn còmhla;
'M biadh a b' fheàrr ga chuir air bòrd dhuinn
Agus ceòl againn ga èisteachd.
Thug iad a' seo sinn às gach àite
Ìdrigil, A' Chùil is Eàrlais;
Thug iad ann a' seo le càr sinn
Thug iad Santa Claus le fèidh ann.
Rinn e òrain èibhinn air iomadh cuspair eadar coineanaich a bha nan adhbhar doilgheis do chroitearan ann an 'Òran nan Rabaidean' agus each beag bochd ann an 'Each a' Cheàird'. Bha e cuideachd math air sgeulachdan agus naidheachdan innse.
Anns na trì ficheadan ghluais Aonghas à Ùig is thàinig e a dh'fhuireach dhan taigh a bha aig a' gheata gu oighreachd Sgèaboist. Cha robh e air a bhith ann uabhasach fada nuair a chaidh faighneachd dha ciamar a bha an t-àite ùr a' còrdadh ris agus air prògram Gàidhlig a' BhBC air 20/09/1979 fhreagair e a' cheist:
"Chan eil cho dona a-nis ach nuair a thàinig mi an toiseach bha dragh agam le beathaichean. Rùdaichean Dùn na Cille, bha 'd a' cur dragh orm. Bhiodh iad a' tighinn chun an dorais, 's bhiodh iad a' salach mun doras. Bhiodh iad ag obair air a' chàr. Nam biodh e glan bhiodh iad a' faicinn an ìomhaigh fhèin ann, agus nuair a rachainn às an dèidh, dhèanadh iad mèile is dh'fhalbhadh iad.
Siud na rùdaichean bha cianail
Mhilleadh iad a h-uile sian ort
Chagainn iad an t-slat-iasgaich
Driamlach 's dubhain Ghalld' air
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
O, mur a bi an doras dùinte
'S gur e 'n fhìrinn th' as a' chùis seo;
Gun tig iad a-staigh 'n rùm
A dh'èisteachd news na wireless.
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
An uair a dh'èireas mi sa mhadainn
Bidh na trì dhiubh as an doras;
Saoilidh tu air a' starsaich
Gur robh agam gamhn' ann.
Rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
Mas e 'n fhìrinn th' as a' stòiridh
Nach eil daoine gabhail còir orr',
Càit' an t-saoghal bheil a' chlòimh
A bh' orra 'm braon an t-samhraidh?
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
Ach gu faic mi fhìn an cìobair
Faighnichidh mi a h-uile nì dheth
'N d' fhuair e brath sam bith ag innse
Gu robh trì air chall
Dhe na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
Nuair bhios mi sgiùrsadh nam bèistean
Uaireannan 's mi às mo lèinidh;
Nì iad mèile bheag ri chèile
Mas leum iad thar an alltain
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
Ach ann an Co-operative Ùige
Gu bheil dòigheannan as ùr ann
Dòcha nach bi feum air rùda
'S thig luchd a' Bhùird chuir bann air
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
'S e mo dhùrachd fhìn am bliadhna
Cìobair Gallda tighinn dhan iarraidh
Nach cur tuilleadh chun nan t-sliabh iad
'S gun toir mo liadh an ceann dheth
Na rùdaichean bha 'n Dùn na Cille, ciod a thug a-nall iad?
Ged a b' e rudan beaga as a' choimhearsnachd as an robh e bu mhotha a bha spreigeadh Aonghais gu òran, cha robh leisg air a dhol an sàs ann an cùisean poilitigeach mar Òran a' Veto nuair a bha deasbad mhòr ann an Snìosart am bu chòir dha na taighean-seinnse bhith fosgailte no am bu chòir an dùnadh uile. Nuair a bha aimhreit mun aiseag eadar muinntir Ratharsair agus an t-uachdaran Dotair Green cha robh Aonghas fada gun a bheachdan a chur an cèill ann an òran:
O gun innis mi dhuibh gu h-ealamh
Mar a thachair dhan a' chùis seo,
Bha Ratharsair ag iarraidh aiseag
Bho chionn fada 's iad ga h-ionndrainn;
Gur e Sgonsair àite b' fhasa
Dhan an aiseag dhol ga h-ionnsaidh,
Ach thàinig Dotair Uaine à Sasainn
'S chuir e chas ann chun na glùineadh.
'S nuair a thàinig e a Ratharsair
Fhuair e h-uile càil a dh'iarr e,
Taighean agus fearann àlainn
Ged nach do dh'àitich e riamh iad;
'S ann as a' chladach aig bha 'm bàgh
A bha math gus am bàta dhìon dhaibh
Ach on a thionndaidh e cho grànda
Tha bhròg air a' chois cheàrr am bliadhna.
Siud agaibh far 'n robh 'n nàbaidh
Rinn e greim bàis air na crìochan
Fhuair e iasgach bhon Department
Ged a thàrr iad bhuaidh' am bliadhn' e;
Shaoil leis nach robh 'n Council làidir
Ach cha do thuig e tràth na Sgitheanaich
'S on a ghabh e an taobh ceàrr dhiubh
B' fheàrr dha nach tàinig e riamh ann.
Ach bheir an Council dhaibh gun aireachas
Am bàta tha 'd ag iarraidh
Ghabh iad math de lagh na bànrigh
A thug dàil dhaibh airson bliadhna.
Airson Dotair na làmh làidir
Gur e rud a b' fheàrr dha dhèanamh
Maitheanas iarraidh mar fhàbhar
'S Dùn Cana chuir gu bràth as fhianais.
Chaidh Òrain Aonghais agus an Sgiobair, leabhar agus teip le cuid de na h-òrain aig Aonghas agus cuid de na h-òrain aig a' charaid Iain MacNeacail, An Sgiobair, a dheasachadh agus fhoillseachadh le Catriona NicGumaraid ann an 1980.
Chaochail Aonghas Fleidsear ann an 1983.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.