Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) agus air a sheinn le: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha).
This is a song written by: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) and sung by: Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha).
'S tha 'n tìd' againn bhith smaoineachadh
Ciamar thèid an t-Aonadh
Tha buidheann air gach taobh a tha dalma;
'S e veto a thuirt aon diubh,
A fhreagradh air na daoine,
Ach fiach nach gabh sibh 'n daorach ga dhearbhadh.
'S e veto tha cur cùram
Air Snigheasort 's air Ùige,
Thuirt iad anns a' chùbaid gu falbh e;
Tha uisge-beatha 's leann ann
Cho math 's a th'anns an dùthaich,
'S bidh sinn uile diombach e dh'fhalbh às.
Ach nuair a bha ar sinnsir
A' fuireach anns na glinn seo
Siud agaibh an linn a bha calma;
'S e sùgha glan an eòrna
A chleachd iad leis a' bhròs
Chan iarradh iad rim beò chuir air falbh às.
Ach ma thèid a' veto
An aghaidh luchd na spridhe
Thèid sinn a Phort Rìgh ann an carbad;
Tha cuid a ghabhas pinnt ann
Tha cuid a ghabhas spridh ann
Cuid eile dhiubh nach till mar a dh'fhalbh iad.
Ach ma gheibh iad am Port Rìgh thu
Thèid thu dhan a' Phrìosan
Cuiridh iad am breather ga dhearbhadh;
Thèid e ma do shròin
Is bidh d' anail a' recordadh
Cia mheud glainne dh'òl thu man d'fhalbh thu.
Ach 's ann a bhios an spòrs againn
Nuair thug là a' bhòtaidh
Bidh na taighean-òst' air an dùnadh;
Ach air chùl na còmhladh
Nach bochd nach robh sinn cò' riuth'
Gus an d'reaghadh na bhòtan
Mun rathad chaidh a chunntadh.
Ach na dèanaibh bòsdadh
Mun rathad chaidh a' bhòtadh
Tha feadhainn air an dòigh
'S cuid tha diombach;
Ach 'illean nuair a dh'òlas sibh
Na bh'air nar pòcaid
'S e 'n dealan th' air a' chòmhlaidh ur cùrsa.
Ach ma nì sibh bhòtadh
An rathad nach bu chòir dhuibh
Gun tèid sinn a dh'òl dhan an Tairbeart;
Às a' sin a Steòrnabhagh
'S gheibh sinn deoch gu leòr ann
'S na bothanan 's na fròigean ga thairgsinn.
Leanaidh iad Diciadain
Mar thuirt an duine ciatach
Ged nach robh e riamh air an daoraich;
Thuirt e ris a' chòmhlan
Gur iomadh glainne dh'òl e
Mur tàinig guth na còrach ga ionnsaigh.
Rugadh Aonghas Fleidsear, Aonghas a' Ghobha, ann a' Siadar Ùige an Eilein Sgitheanaich 's a' bhliadhna 1896. B' e gobha a bha na athair agus ...
Fiosrachadh air Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha) / Learn more about Aonghas Fleidsear (Aonghas a' Ghobha)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.