Episode details

Available for 34 days
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Seo an ochdamh prògram san t-sreath, agus 's e an Deamhan an cuspair. Chuala Flòraidh sgeulachdan bho Donnchadh MacMhathain, Rona Lightfoot, Sine Churrie, Iain O Henley, Dòmhnall Ailein MacIosaig, Canon Aonghas MacCuidhein, Catriona Garbutt, Uisdean MacFhionghuin, Nan NicFhionghuin, agus Peigi Dhòmhnallach.
Programme Website