Episode details

Radio nan Gàidheal,03 Nov 2026,87 mins
Fasain, craiceann mheasan-citris agus Patrick Stewart.
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
Am bi thu a’ cur sùgh-chraiceann mheasan-citris ris a’ chòcaireachd agad no ag òl uisge teth le sliseag liomaid ann? A rèir post Instagram a chaidh gu math bhìorail o chionn ghoirid, cha bu chòir dhut. Tha rabhadh “Chan eil an craiceann freagarrach airson ithe” a-nis air cuid de mheasan-citris a tha gan reic. Tha Niall Iain a’ cluinntinn bho Chairistiona NicIlleMhoire, oifigear slàinte na h-àrainneachd aig Comhairle nan Eilean Siar, mu carson nach bu chòir craiceann nam measan sin ithe. Tha mòran bhrògan annasach air nochdadh ann an saoghal an fhasain sna mìosan mu dheireadh, eadar brògan le bailiùnaichean, feadhainn aig nach eil ach sàil, agus paidhrichean le òrdagan òir. Ach a bheil iad seo a’ dol ceum ro fhada ann am fasan? Tha Abigail NicÌomhair agus Eilidh Daniels a’ beachdachadh air am bu chòir crìochan a bhith ann am fasan. Agus thàinig an naidheachd Diardaoin sa chaidh gun robh an cleasaiche ainmeil Patrick Stewart air bàsachadh aig aois ceithir-fichead ’s a sia. A bharrachd air Star Trek, ’s iomadh caractar eile a chluich e rè a bheatha, mar a tha Michelle NicNeacail ag innse do Niall Iain.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.CoastlinesCoastlinesSunrise Academy
- 2.What A LifeWhat A LifeRuel & DMA’s
- 3.Recovery (live in session)Recovery (live in session)Siiga