Episode details

Radio nan Gàidheal,02 Nov 2026,57 mins
Colbhan beachd, an dealbh-chluich chiùil "Cèilidh" agus siùcar fallain
Naoi gu DeichAvailable for 29 days
Tha Agnes Rennie agus Iain Stephen Moireasdan a' toirt sùil air na colbhan-beachd bho phàipearan-naidheachd an deireadh-sheachdain. Nì Michael Hill lèirmheas air Cèilidh, dealbh-chluich chiùil a tha a’ gealltainn fìor ho-rò gheallaidh, le pìobairean, fìdhlearan, dannsa agus sgeulachdan, agus cothrom don luchd-amhairc a bhith aig teis-meadhan na cèilidh. Tha iomairt slàinte phoblach a’ dol air adhart an t-seachdain seo gus aire dhaoine a tharraing gu na tha de shiùcar ann am biadh is deochan a tha sinn a’ gabhail gun fhios dhuinn a’ mhòr-chuid den ùine. Ach a bheil leithid de rud ann ri “siùcar fallain”? Cuiridh sinn a’ cheist sin air Calina NicDhòmhnaill.
Programme Website