Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,26 Oct 2026,30 mins

Eapasod 04 An droch shùil

Soillsich

Available for 35 days

B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a’ cheathramh prògram den t-sreath bha na còmhraidhean mun Droch Shùil agus a buaidh, gu h-àraidh air beathaichean. Chualas agallamhan le Catrìona Garbutt à Beinn na Faoghla, Lachie MacGillIosa à Staffainn, Ruairidh Fearghasdan à Uibhist a Tuath, Màiri Flòraidh NicEachainn à Beinn na Faoghla, Dòmhnall Ailean MacÌosaig à Beinn na Faoghla, an Canan Aonghas MacCuithein à Uibhist a Deas, Eardsaidh Friseal, a leugh sgeulachd, Katie Ann NicIllFhaolain à Uibhist a Tuath, Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach à Uibhist a Tuath, agus Dòmhnall Iain MacIllinnein, a bha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach

Programme Website
More episodes